I. Esdras 4
4
CAIB. IV.
1An sin, thòisich an dara fear, a labhair mu neart an rìgh, air a ràdh,
2O sibhse a dhaoine, nach ʼeil na fir aʼ toirt barrachd ann an neart, aig am bheil uachdaranachd thar muir agus tìr, agus gach nì a ta annta?
3Ach tha ʼn rìgh gidheadh ni ʼs cumhachdaichʼ: oir is tighearn e os ceann nan nithe sin uile, agus tha uachdaranachd aige thairis orra: agus ge bʼ e nì a dhʼ àithneas e dhoibh nì iad.
4Ma dhʼ iarras e orra cogadh a dheanamh an aghaidh a chéile, nì siad e: ma chuireas e mach iad an aghaidh nan nàimhdean, théid iad, agus brisidh iad sìos beannta, ballacha, agus tùra.
5Marbhaidh agus marbhar iad, agus cha bhris iad àithne an rìgh: ma bheir iad buaidh, tha iad aʼ toirt na h‑uile do ʼn rìgh, araon aʼ chreach, agus gach nì eile.
6Mar an ceudna iadsan nach ʼeil ʼnan saighdeiribh, agus aig nach ʼeil gnothuch ri cogannaibh, ach a ta cleachdadh tuathanachais, an uair a bhuaineas iad an nì sin a chuir iad, bheir iad do ʼn rìgh e, agus co‑éignichidh iad aon a chéile chum cìs ìocadh do ʼn rìgh.
7Agus an déigh sin is aon duine e: ma dhʼ àithneas e marbhadh, marbhaidh iad: ma dhʼ àithneas e caomhnadh, caomhnaidh iad;
8Ma dhʼ àithneas e bualadh, buailidh iad: ma dhʼ àithneas e fàsachadh, fàsaichidh iad: ma dhʼ àithneas e togail, togaidh iad;
9Ma dhʼ àithneas e gearradh sìos, gearraidh iad sìos; ma dhʼ àithneas suidheachadh, suidhichidh iad.
10Mar so bithidh a mhùinntir agus armailtean uile ùmhal da: os barr luidhidh e sìos, ithidh, agus òlaidh e, agus gabhaidh e fois:
11Agus nì iad sin faire mu ʼn cuairt da, agus cha ʼn fheud a h‑aon falbh, agus a ghnothuch fein a dheanamh, no a bhi eas‑ùmhal da ann an nì sam bith.
12O sibhse a dhaoine, ciamar nach e an rìgh a ʼs cumhachdaichʼ, an uair a bheirear géill da air an dòigh so? Agus dhʼ fhan e ʼna thosd.
13An sin thòisich an treas fear, a labhair mu na mnai, agus mu ʼn fhìrinn, (bʼ e so Sorobabel) air a ràdh.
14O sibhse a dhaoine, cha ʼn e an rìgh mòr, no an lìonmhorachd sluaigh, ni mò is e am fìona, a bheir barrachd: cò uime sin a riaghlas iad, no aig am bheil an uachdaranachd thairis orra? nach iad na mnai?
15Rug na mnai an rìgh, agus an sluagh uile a riaghlas air muir agus air tìr.
16Eadhon uathasan thàinig iad: agus dhʼ àraich iad suas iadsan a shuidhich na fìon‑liosan as am bheil am fìon aʼ teachd.
17Tha iadsan mar an ceudna aʼ deanamh thrusgan do na fearaibh: tha iad aʼ toirt glòire do dhaoinibh; agus as eugais nam ban, cha ʼn urrainn na fir a bhi idir ann.
18Seadh, ma chruinnich na fir airgiod agus òr, no nì maith sam bith eile, nach ʼeil gràdh aca do mhnaoi a ta maiseach ann an sgèimh agus eireachdas?
19Agus gun ghuth air na nithibh sin, nach ʼeil iad aʼ miannachadh, agus eadhon le beul fosgailte aʼ suidheachadh an sùl oirre; agus nach ʼeil barrachd tograidh aig na h‑uile dhi, na do ʼn airgiod agus do ʼn òr, na do nì maith sam bith?
20Fàgaidh fear athair fein a thog suas e, agus a dhùthaich fein, agus dlùth‑leanaidh e rʼ a mhnaoi.
21Cha ghearain e a bheatha a chaitheadh maille rʼ a mhnaoi fein, agus a chuimhnich e aon chuid athair, no màthair, no dùthaich.
22Le so uime sin biodh fios agaibh gu ʼm bheil aig na mnathaibh uachdaranachd os bhur ceann: nach eil sibh ag oibreachadh agus aʼ saothrachadh, agus aʼ tabhairt, agus aʼ giùlan na h‑uile do ʼn mhnaoi?
23Seadh, glacaidh duine a chlaidheamh agus théid e a mach a chreachadh agus a ghoid, agus a sheoladh air aʼ chuan agus air aibhnichibh,
24Agus seallaidh e air leòmhan, agus gluaisidh e ann an dorchadas; agus an uair a ghoid, a mhill, agus a chreach e, bheir se e chum a ghràidh fein.
25Uime sin, gràdhaichidh fear a bhean fein a thuilleadh air athair no màthair.
26Seadh, is iomadh iad a chaill an ciall air son nam ban, agus a dhʼ fhàs ʼnan seirbhisich air an sgàth.
27Is iomadh iad mar an ceudna a bhàsaich, a chaidh a ʼm mearachd, agus a pheacaich air son nam ban.
28Agus a nis nach ʼeil sibh ʼgam chreidsinn? nach ʼeil an rìgh mòr ʼna chumhachd? nach ʼeil eagal air gach ceàrnadh beanachd dha?
29Gidheadh chunnaic mi e agus Apame coimhleapach an rìgh, agus nighean Bhartacuis ionmholta, ʼnan suidhe aig deis làimh an rìgh,
30Agus aʼ toirt a chrùin bharr cinn an rìgh, agus ʼga chàireamh air a ceann fein; bhuail i mar an ceudna an rìgh le a làimh chlì.
31Agus an déigh sin air son so uile, mhiannaich an rìgh agus sheall e oirre le beul fosgailte: nʼ an gàireadh i ris, ghàireadh esan mar an ceudna: nʼ an gabhadh i mì‑thlachd dheth, bha ʼn rìgh deònach air miodal a dheanamh, a chum gu ʼm biodh i réidh ris a rìs.
32O sibhse fheara, ciamar nach biodh na mnai làidir, air doibh so a dheanamh?
33An sin dhʼ amhairc an rìgh agus na prionnsan air gach aon a chéile: mar so thòisich e air an fhìrinn a labhairt.
34O sibhse fheara, nach ʼeil na mnai làidir? is mòr an talamh, is àrd na nèamhan, is luath aʼ ghrian ʼna slighe, oir tha i ʼcuairteachadh nan nèamh air gach taobh, agus aʼ toirt a slighe a rìs chum a h‑àite fein ann an aon là.
35Nach mòr esan a ta ʼdeanamh nan nithe sin? Uime sin is mòr an fhìrinn, agus a ʼs treasa i no na h‑uile nithe.
36Tha ʼn talamh gu léir aʼ gairm air an fhìrinn, agus tha na nèamha ʼga beannachadh: tha gach uile oibre fo bhall‑chrith agus aʼ criothnachadh roipe, agus maille ri cha ʼn ʼeil nì eucorach sam bith.
37Tha fìon aingidh, tha ʼn rìgh aingidh, tha na mnai aingidh, tha uile chlann nan daoine aingidh, agus mar sin tha ʼn uile ghnìomhara aingidh: agus cha ʼn ʼeil fìrinn idir annta: ʼnan neo‑fhìreantachd mar an ceudna théid iad a dhìth.
38Ach a thaobh na fìrinn, mairidh i, agus tha i an còmhnuidh làidir; tha i beò agus bheir i gu bràth buaidh.
39Maille rithe cha ghabhar ri pearsaibh no ri duaisibh; ach nì i na nithe a ta ceart, agus seachnaidh i na h‑uile nithe a ta eucorach agus aingidh; agus tha spéis aig na h‑uile dhaoinibh dʼ a h‑oibribh.
40Ni mò tha eucoir sam bith ʼna breitheanas: agus is i neart, rìoghachd, cumhachd, agus mòrachd nan uile lìnn. Beannaichte gu robh Dia na fìrinn.
41Agus le sin dhʼ fhan e ʼna thosd. Agus thog an sluagh uile iolach an sin, agus thubhairt iad, Is mòr an Fhìrinn, agus is cumhachdach thar nan uile nithe.
42An sin thubhairt an rìgh ris, Iarr nʼ as àill leat, a thuilleadh air na tha air ainmeachadh ʼsan sgrìobhadh, agus bheir sinne dhuit e, a chionn gur tu a ʼs glice a fhuaradh; agus suidhidh tu ni ʼs faigse ormsa, agus goirear mo charaid diotsa.
43An sin thubhairt e ris an rìgh, Cuimhnich do bhòid, a bhòidich thu, Ierusalem a thogail, anns an là an tig thu chum do rìoghachd,
44Agus na soithichean uile a chur air falbh a thugadh á Ierusalem, a chuir Cìrus air leth, an uair a bhòidich e Babilon a sgrios, agus an cur air an ais a rìs an sin.
45Bhòidich thu mar an ceudna an teampull a thogail suas, a loisg na h‑Edomaich an uair a dhʼ fhàsaicheadh Iudea leis na Caldéich.
46Agus a nis, O thighearn a rìgh, is e so a ta mi ʼg iarraidh, agus air am bheil déigh agam uait‑sa, agus is e so an toirbheartas rìoghail aʼ teachd uait fein; tha mi ʼg iarraidh uime sin gun coimhlionadh tu aʼ bhòid, mu ʼn do bhòidich thu do Rìgh fhlaitheanais ledʼ bheul fein gu ʼn deanadh tu e.
47An sin sheas rìgh Darius suas agus phòg se e, agus sgrìobh e litrichean air a shon chum uile luchd‑coimhead an ionmhais, chum nan uachdaran, agus cheannardan, agus riaghlairean, air chor is gun giùlaineadh iad gu tèaruinte air an t‑slighe, araon esan, agus iadsan uile a théid suas maille ris a thogail Ierusalem.
48Sgrìobh e litrichean mar an ceudna chum nan uachdaran a bha ann an Celosiria agus Phenice, agus dhoibh‑san ann an Libanus, chum gun tugadh iad fiodh‑ceudair o Libanus gu Ierusalem, agus gun togadh iad am baile maille ris.
49Os bàrr, sgrìobh e litrichean chum nan Iudhach uile a chaidh a mach as a rìoghachd‑san suas do Iudea, a thaobh an saorsa fein, chum nach rachadh oifigeach, no riaghlair, no ceannard, no fear‑ionmhais, sam bith, le h‑ainneart a steach air an dorsaibh;
50Agus gu ʼm biodh an duthaich uile air am bheil sealbh aca, saor o chìs; agus gun tugadh na h‑Edomaich seachad na bailtean aig na h‑Iudhaich a bha aca an sin:
51Seadh, gun tugtadh gach bliadhna seachad fichead tàlann fa chomhair togail an teampuill, gus an àm ʼsan togteadh e;
52Agus deich tàlann eile ʼsa bhliadhna, a chumail suas nan ìobairt‑loisgte air an altair gach là, air dhoibh àithne a bhi aca seachd‑deug a thairgseadh;
53Agus gu ʼm biodh fìor‑shaorsa aca‑san uile a chaidh o Bhabilon a thogail aʼ bhaile, araon iad fein agus an sliochd, agus na sagartan uile a dhʼ fhalbh.
54Sgrìobh e mar an ceudna a thaobh nan dreuchd, agus thrusgan nan sagart leis am bheil iad aʼ frithealadh;
55Agus mar an ceudna a thaobh dhreuchd nan Lebhitheach, gu bhi air an tabhairt dhoibh gus an là ʼsan crìochnuichear an tigh, agus ʼsan togar Ierusalem.
56Agus dhʼ àithn e duaisean agus tuarasdal a bhi air an tabhairt do na h‑uile a ghléidh am baile.
57Chuir e mar an ceudna air falbh na soithichean uile o Bhabilon a chuir Cìrus air leth: agus na h‑uile nithe a dhʼ àithn Cìrus, dhʼ òrduich e a bhi deanta, agus air an cuir do Ierusalem.
58A nis, an uair a chaidh an t‑òganach so a mach, thog e a ghnùis gu nèamh am fagus do Ierusalem, agus mhol e Rìgh fhlaitheanais,
59Agus thubhairt e, Uat‑sa thig buaidh, uat‑sa thig gliocas, agus is leat‑sa aʼ ghlòir, agus is mise do sheirbhiseach,
60Is beannuichte thusa, a thug gliocas dhòmhsa: oir dhutsa bheiream buidheachas, O Thighearna ar n‑aithriche.
61Agus mar so ghabh e na litrichean, agus chaidh e mach, agus thàinig e gu Babilon, agus dhʼ aithris se e dʼ a bhràthairibh uile.
62Agus mhol iad Dia an aithriche, a chionn gun tug e dhoibh comas agus saorsa,
63Gu dol suas, agus Ierusalem a thogail, agus an teampull a dhʼ ainmicheadh airʼ ainm: agus rinn iad cuirm, rè sheachd làithean, le h‑innealaibh‑ciùil agus aoibhneis.
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017