Sailm 12
12
1Nis fòir, is cuidich leam, a Dhè,
’s gun deagh dhuin’ idir ann:
Na treibhdhirich measg chloinn nan daoin’
rim faghail tha ro-ghann.
2Labhraidh gach neach ra choimhears-nach
a’ bhreug le miodal bèil;
Le cridhe dùbailt’ làn de cheilg,
sìor labhraidh iad ri chèil’.
3Gach beul tha làn de ghabhann tlàth,
don gnàth bhith leam is leat;
An teanga bhruidhneach àrdanach
sgathar le Dia nam feart;
4A thubhairt, Orra bheir sinn buaidh
ler teangaidh fhèin a-mach;
’S leinn fhèin ar beul: cò e an Triath
a chuireas sinn fo smachd?
5Ri sàrachadh nan deòradh truagh’,
ri osnaich dhaoine bochd’,
Nis èiridh mi, ars’ Dia, gan dìon,
on dream tha bagradh lochd.
6Is fìorghlan facal Dhè gu dearbh;
amhlaidh mar airgead e,
A leaghadh is a ghlanadh fòs
seachd cuairt an suacan crè.
7Coimheadaidh tus’ iad uile, Dhè,
dìonaidh tu iad a-ghnàth.
On ghinealach seo nis a th’ann,
’s o sin a-mach gu bràth.
8Gluaisidh gach aon taobh luchd an uilc,
is togaidh iad an ceann;
An t-àm san cuirear suas gu h-àrd
na daoin’ as suaraich’ th’ann.
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000