YouVersion 標識
搜索圖示

Eòin 4

4
1Air an adhbhar sin nuair a thuig Iosa gun cuala na Pharasaich gu robh e a’ dèanamh agus a’ baisteadh tuilleadh dheisciobal na Eòin,
2(Ged nach do bhaist Iosa fhèin iad ach a dheisciobail,)
3Dh’fhàg e Iudèa, agus chaidh e a‑rìs do Ghalile.
4Agus b’èiginn dha dol tro Shamaria.
5An sin thàinig e gu baile a bhuineadh do Shamaria, ris an abrar Sichar, am fagas don fhearann a thug Iàcob da mhac Iòseph.
6A‑nis bha tobar Iàcoib an sin. Uime sin air do Iosa a bhith sgìth le a thuras, shuidh e mar sin làimh ris an tobar; agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire.
7Thàinig bean o Shamaria a tharraing uisge: thubhairt Iosa rithe, Thoir dhòmhsa deoch.
8Oir bha a dheisciobail air dol don bhaile a cheannach bìdh.
9An sin thubhairt a’ bhean o Shamaria ris, Cionnas a tha thusa agus gur Iùdhach thu ag iarraidh deoch uam-sa, a tha am bhan-Shamaritanaich? Oir chan eil comann aig na h‑Iùdhaich ris na Samaritanaich.
10Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.
11Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, chan eil inneal-tarraing agad, agus tha an tobar domhain: uime sin cia as a tha an t‑uisge beò sin agad?
12Am mò thusa na ar n‑athair Iàcob, a thug dhuinne an tobar seo, agus a dh’òl as e fhèin, agus a chlann, agus a sprèidh?
13Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Ge bè neach a dh’òlas den uisge seo, bidh tart air a‑rìs:
14Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
15Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, thoir dhòmhsa an t‑uisge seo, a‑chum nach bi tart orm, agus nach tig mi an seo a tharraing.
16Thubhairt Iosa rithe, Imich, gairm d’fhear-pòsda, agus thig an seo.
17Fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Chan eil fear agam. Thubhairt Iosa rithe, Is math a thubhairt thu, Chan eil fear agam:
18Oir bha còignear fhear agad, agus esan a tha agad a‑nis, chan e d’fhear fhèin e: thubhairt thu seo gu fìor.
19Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, tha mi a’ faicinn gur fàidh thu.
20Rinn ar n‑athraichean adhradh anns an t‑sliabh seo; agus tha sibhse ag ràdh gur ann an Ierusalem a tha an t‑ionad anns an còir adhradh a dhèanamh.
21Thubhairt Iosa rithe, A bhean, creid mise gu bheil an uair a’ teachd, anns nach dèan sibh adhradh don Athair aon chuid anns an t‑sliabh seo, no ann an Ierusalem.
22Tha sibhse a’ dèanamh adhraidh don nì nach aithne dhuibh: tha sinne a’ dèanamh adhraidh don nì as aithne dhuinn: oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha slàinte.
23Ach tha an uair a’ teachd, agus tha i a‑nis ann, anns an dèan am fìor luchd-adhraidh adhradh don Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn: oir tha an t‑Athair ag iarraidh an leithidean seo de luchd-adhraidh.
24Is spiorad Dia, agus is èiginn da luchd-adhraidh adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.
25Thubhairt a’ bhean ris, Tha fhios agam gu bheil am Mesias a’ teachd, ris an abrar Crìosd: nuair a thig esan innsidh e na h‑uile nithean dhuinn.
26Thubhairt Iosa rithe, Is mise e, a tha a’ labhairt riut.
27Agus air a seo thàinig a dheisciobail, agus b’iongantach leo gu robh e a’ labhairt ris a’ mhnaoi: ach cha dubhairt aon neach, Ciod a tha thu ag iarraidh? No, Carson a tha thu a’ labhairt rithe?
28An sin dh’fhàg a’ bhean a soitheach-uisge, agus dh’fhalbh i don bhaile, agus thubhairt i ris na daoine,
29Thigibh, faicibh duine a dh’innis dhòmhsa na h‑uile nithean a rinn mi riamh. Nach e seo Crìosd?
30An sin chaidh iad a‑mach as a’ bhaile, agus thàinig iad da ionnsaigh-san.
31Anns an àm sin fhèin ghuidh a dheisciobail air, ag ràdh, A Mhaighistir, ith.
32Ach thubhairt esan riu, Tha agamsa biadh ra ithe air nach eil fhios agaibhse.
33Uime sin thubhairt na deisciobail ri chèile, An tug neach air bith nì da ionnsaigh ra ithe?
34Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.
35Nach abair sibhse, Tha ùine ceithir mìosan ann fhathast, agus an sin thig am fogharadh? Feuch, tha mi ag ràdh ribh, Togaibh suas ur sùilean, agus seallaibh air an h‑achaidhean; oir tha iad cheana geal a‑chum an fhogharaidh.
36Agus an tì a bhuaineas tha e a’ faotainn tuarasdail, agus a’ cruinneachadh toraidh a‑chum na beatha maireannaich; a‑chum gun dèan an tì a chuireas, agus an tì a bhuaineas, gàirdeachas le chèile.
37Agus an seo tha an ràdh ud fìor, Gu bheil aon neach a’ cur, agus neach eile a’ buain.
38Chuir mise sibhse a bhuain an nì sin nach do shaothraich sibh: shaothraich daoine eile, agus chaidh sibhse a‑steach nan saothair.
39Agus chreid mòran de Shamaritanaich a’ bhaile sin ann, airson cainnt na mnà a thug fianais, ag ràdh, Dh’innis e dhomh na h‑uile nithean a rinn mi riamh.
40Uime sin nuair a thàinig na Samaritanaich da ionnsaigh, ghuidh iad air fantainn maille riu: agus dh’fhuirich e an sin dà là.
41Agus chreid mòran tuilleadh airson a fhacail fhèin:
42Agus thubhairt iad ris a’ mhnaoi, Tha sinn a’ creidsinn chan ann à seo suas airson do chòmhraidh-sa: oir chuala sinn fhèin e, agus tha fhios againn gur e seo da‑rìribh Crìosd, Slànaighear an t‑saoghail.
43Agus an dèidh dà là dh’fhalbh e as a sin, agus chaidh e do Ghalile:
44Oir thug Iosa fhèin fianais nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin.
45Uime sin, nuair a thàinig e do Ghalile, ghabh na Galilèaich ris, air dhaibh na nithean sin uile fhaicinn a rinn e ann an Ierusalem air an fhèill: oir chaidh iadsan mar an ceudna a‑chum na fèille.
46An sin thàinig Iosa a‑rìs do Chana Ghalile, far an do rinn e fìon den uisge. Agus bha duine cumhachdach àraidh, aig an robh a mhac gu tinn ann an Capernàum.
47Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis.
48An sin thubhairt Iosa ris, Mura faic sibh comharraidhean agus mìorbhailean, cha chreid sibh.
49Thubhairt an duine cumhachdach ris, A Thighearna, rach sìos mum faigh mo leanaban bàs.
50Thubhairt Iosa ris, Imich; tha do mhac beò. Agus chreid an duine am facal a labhair Iosa ris, agus dh’imich e.
51Agus am feadh a bha e fhathast a’ dol sìos, choinnich a sheirbhisich e, agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha do mhac beò.
52An sin dh’fhiosraich e dhiubh an uair anns an deachaidh e am feabhas: agus thubhairt iad ris, An‑dè, air an t‑seachdamh uair, dh’fhàg am fiabhras e.
53An sin dh’aithnich an t‑athair gum b’i an uair sin fhèin, anns an dubhairt Iosa ris, Tha do mhac beò; agus chreid e fhèin, agus a theaghlach uile.
54Is e seo a‑rìs an dara mìorbhail a rinn Iosa, nuair a thàinig e à Iudèa do Ghalile.

目前選定:

Eòin 4: ABG1992

醒目顯示

分享

複製

None

想要在所有設備上保存你的醒目顯示嗎? 註冊或登入