YouVersion 標識
搜索圖示

Eòin 12

12
1An sin thàinig Iosa, sia làithean ron chàisg, gu Betani, far an robh Làsaras a bha marbh, neach a thog esan o na mairbh.
2Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.
3An sin ghabh Muire punnd de ola spicnaird ro‑luachmhoir, agus dh’ung i casan Iosa, agus thiormaich i a chasan le a falt: agus lìonadh an taigh le fàile cùbhraidh na h‑ola.
4An sin thubhairt aon de a dheisciobail, Iùdas Iscariot, mac Shìmoin, a bha gu esan a bhrath,
5Carson nach do reiceadh an ola seo airson trì cheud pèighinn, agus nach tugadh do na bochdan e?
6Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.
7An sin thubhairt Iosa, Leig leatha: fa chomhair là m’adhlacaidh ghlèidh i seo.
8Oir tha na bochdan a‑ghnàth agaibh maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth.
9Agus bha fhios aig sluagh mòr de na h‑Iùdhaich gu robh e an sin: agus thàinig iad, chan ann a‑mhàin airson Iosa, ach a‑chum gum faiceadh iad mar an ceudna Làsaras, a thog esan o na mairbh.
10Ach ghabh na h‑àrd-shagartan comhairle, a‑chum Làsaras mar an ceudna a mharbhadh;
11Do bhrìgh air a shon-san gun d’imich mòran de na h‑Iùdhaich, agus gun do chreid iad ann an Iosa.
12Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr-shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,
13Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!
14Agus air do Iosa asal òg fhaotainn, shuidh e air; a rèir mar a tha e sgrìobhte,
15Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail.
16Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.
17Uime sin rinn an sluagh a bha maille ris fianais gun do ghairm e Làsaras as an uaigh, agus gun do thog e o na mairbh e.
18Air an adhbhar sin mar an ceudna choinnich an sluagh e, do bhrìgh gun cuala iad gun do rinn e am mìorbhail seo.
19Thubhairt na Pharasaich uime sin eatorra fhèin, Am faic sibh nach eil sibh a’ buadhachadh a’ bheag sam bith? Feuch, tha an saoghal air dol na dhèidh.
20Agus bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill:
21Air an adhbhar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida Ghalile, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, A thighearna, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn.
22Thàinig Philip agus dh’innis e do Anndras: agus a‑rìs dh’innis Anndras agus Philip do Iosa.
23Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.
24Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.
25Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.
26Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.
27A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.
28Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.
29Uime sin thubhairt an sluagh a sheas an làthair, agus a chuala seo, gu robh tàirneanach ann: thubhairt cuid eile, Labhair aingeal ris.
30Fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan ann air mo shon-sa a thàinig an guth seo, ach air ur son-se.
31A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann: a‑nis tilgear uachdaran an t‑saoghail seo a‑mach.
32Agus mise, ma thogar suas on talamh mi, tàirngidh mi na h‑uile dhaoine am ionnsaigh.
33(Ach thubhairt e seo, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis a gheibheadh e.)
34Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?
35An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
36Am feadh is a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas, a‑chum gum bi sibh nur cloinn don t‑solas. Labhair Iosa na nithean seo, agus dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa.
37Ach ged a rinn e a choilìon seo de mhìorbhailean nan làthair, cha do chreid iad ann:
38A‑chum gum biodh briathran an fhàidh Esaias air an coileanadh, a thubhairt e, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris-ne? Agus cò dha a dh’fhoillsicheadh gàirdean an Tighearna?
39Air an adhbhar seo cha robh e an comas dhaibh creidsinn, do bhrìgh gun dubhairt Esaias a‑rìs,
40Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn-sa iad.
41Thubhairt Esaias na nithean seo, nuair a chunnaic e a ghlòir-san, agus a labhair e uime.
42Gidheadh chreid mòran de na h‑Uachdarain fhèin ann: ach airson nam Pharasach cha d’aidich iad e, air eagal gun cuirte a‑mach as an t‑sionagog iad.
43Oir b’annsa leo glòir dhaoine na glòir Dhè.
44Agus ghlaodh Iosa, agus thubhairt e, An tì a tha a’ creidsinn annam-sa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an tì a chuir uaithe mi.
45Agus an tì a tha gam fhaicinn-sa, tha e a’ faicinn an tì a chuir uaithe mi.
46Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.
47Agus ma chluinneas neach air bith mo bhriathran-sa, agus nach creid e, chan eil mise ga dhìteadh: oir cha tàinig mi a dhìteadh an t‑saoghail, ach a shaoradh an t‑saoghail.
48An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.
49Oir cha do labhair mi uam fhèin; ach an t‑Athair a chuir uaithe mi, thug e àithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn.
50Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne-san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.

目前選定:

Eòin 12: ABG1992

醒目顯示

分享

複製

None

想要在所有設備上保存你的醒目顯示嗎? 註冊或登入