YouVersion 標識
搜索圖示

Genesis 2

2
1Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.
2Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.
3Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.
4Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.
5Agus cha robh aon de phreasan na machrach fhathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fhathast aon de lusan na machrach; do bhrìgh nach tug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaothrachadh na talmhainn.
6Ach chaidh ceò suas on talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile.
7Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.
8Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.
9Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.
10Agus chaidh abhainn a‑mach à Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàrraidh; agus as a sin roinneadh i, agus dh’fhàs i na ceithir cinn.
11Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh tìr Habhilah uile, far a bheil òr.
12Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics.
13Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile.
14Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.
15Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.
16Agus dh’àithn an Tighearna Dia don duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh anns a’ ghàrradh faodaidh tu ithe gu saor:
17Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.
18Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin.
19Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.
20Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin.
21Agus thug an Tighearna Dia air cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite;
22Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus thug e i a‑chum an duine.
23Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil-sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.
24Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.
25Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra.

目前選定:

Genesis 2: ABG1992

醒目顯示

分享

複製

None

想要在所有設備上保存你的醒目顯示嗎? 註冊或登入