Philipianaich 4

4
Earailean
1A chàirdean gràdhach, air a bheil meas agus ionndrainn cho mòr agam, tha sibh gam lìonadh le aoibhneas agus le uaill. Feuch, mar sin, gun seas sibh gu dìleas nur beatha anns an Tighearna. 2'S e seo an nì a tha mi ag iarraidh air Euòdias agus air Sintiche, gum bi iad aonaichte nan inntinn mar pheathraichean anns an Tighearna. 3Agus tha mi ag iarraidh ortsa, mo cho-obraiche dìleas,#4.3 No a Shiosagais dhìlis gun cuidich thu leis na boireannaich sin, oir tha iad air a bhith a' strì còmhla rium ann an obair an t‑Soisgeil. Tha mi a' cuimhneachadh air Clemens cuideachd, agus air càch a bha a' saothrachadh còmhla rium. Tha an ainmean uile sgrìobhte ann an leabhar na beatha. 4Dèanaibh làn ghàirdeachas daonnan anns an Tighearna. Their mi a‑rithist e: dèanaibh làn ghàirdeachas. 5Bu mhath leam gum faiceadh a h‑uile neach ur caomhalachd, oir chan eil an Tighearna fad air falbh. 6Na biodh cus iomagain oirbh mu nì sam bith. Anns a h‑uile suidheachadh, dèanaibh aithnichte do Dhia gach nì a tha a dhìth oirbh, a' dèanamh ùrnaigh ris-san 's a' toirt taing dhàsan. 7Ma nì sibh seo, bidh sìth Dhè, a tha cho domhainn 's nach tèid aig duine air a tuigsinn, a' cumail ur cridhe 's ur n‑inntinn sàbhailte ann an Iosa Crìosd.
8San dealachadh, a chàirdean, tha mi ag iarraidh oirbh gum bi ur n‑inntinnean air an lìonadh leis gach nì a tha sàr-mhath, agus a tha airidh air cliù — nithean a tha fìor, urramach, ceart, naomh, maiseach agus cliùiteach. 9Cumaibh oirbh a' dèanamh nan nithean a dh'ionnsaich sibh agus a fhuair sibh bhuamsa — na nithean a chuala sibh bhuam 's a chunnaic sibh annam. Ma nì sibh sin, bheir Dia a shith fhèin dhuibh.
Taing airson cuideachadh
10'S mi rinn an toileachadh anns an Tighearna gun d'fhuair sibh cothrom mu dheireadh air leigeil fhaicinn gu robh cùram agaibh dhìom. Gu dearbh, bha an cùram agaibh fad na h‑ùine, ach cha robh an cothrom agaibh. 11Chan e cho feumach 's a tha mi a tha a' toirt orm seo a ràdh, oir dh'ionnsaich mi a bhith riaraichte ge bith dè th'agam. 12Tha mi eòlach air a bhith gann, agus cuideachd air tuilleadh 's a' chòir a bhith agam. Anns a h‑uile suidheachadh a th'ann, dh'ionnsaich mi an dà chuid a bhith làn 's a bhith acrach, a bhith ann am pailteas 's a bhith ann an gainne. 13Thèid agam air giùlan leis gach nì a choinnicheas rium anns an neart a tha Crìosd a' toirt dhomh. 14Air a shon sin, is math a rinn sibh mo chuideachadh nuair a bha mi ann an èiginn.
15 # 2 Cor 11.9 Mar as math a tha fios agaibh, a chàirdean ann am Philipi, b'e sibhse an aon eaglais a thug cuideachadh dhomh nuair a dh'fhalbh mi a Masadònia, sna làithean ud san robh mi a' searmonachadh an Deagh Sgèil an toiseach. 16#Gniomh 17.1 Cha b'ann aon uair a‑mhàin a chuir sibh cuideachadh thugam gu Tesalonìca nuair a bha feum agam air. 17Chan e tiodhlac a tha mi ag iarraidh; 's e tha mi ag iarraidh ach gum bi tuilleadh riadh air a chur ris a' chunntais agaibhse. 18#Ecs 29.18Seo m'fhacal gun d'fliuair mi na chuir sibh thugam, 's tha am pailteas ann. Bhon a fhuair mi bho Epaphrodìtus na rudan a chuir sibh thugam, tha agam na dh'fhòghnas. Tha na tiodhlacan sin mar fhàileadh cùbhraidh, mar ìobairt a tha taitneach agus tlachdmhor do Dhia. 19Agus an Dia dham bheil mise a' dèanamh seirbhis, coinnichidh esan ris gach feum a th'oirbhse leis an t‑saidhbhreas ghlòrmhor aige fhèin, tre Iosa Crìosd. 20Dhar Dia agus dhar n‑Athair gum biodh glòir gu sìorraidh. Amen.
Beannachdan san dealachadh
21Thoiribh mo bheannachd thucasan uile a tha nan sluagh do Dhia ann an Iosa Crìosd. Tha na creidmhich a tha còmhla rium a' cur bheannachdan thugaibh. 22Tha a h‑uile neach de shluagh an Tighearna ann an seo a' cur beannachd thugaibh, 's gu h‑àraid an fheadhainn a th'ann an lùchairt an Impire. 23Gun robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd a' gabhail còmhnaidh annaibh.

ที่ได้เลือกล่าสุด:

Philipianaich 4: GLD

เน้นข้อความ

แบ่งปัน

คัดลอก

None

ต้องการเน้นข้อความที่บันทึกไว้ตลอดทั้งอุปกรณ์ของคุณหรือไม่? ลงทะเบียน หรือลงชื่อเข้าใช้