Ephèsianaich 1
1
1 #
Gniomh 18.19-21, 19.1 Tha mise Pòl, abstol Iosa Crìosd a rèir toil Dhè, a' cur na litir seo gu sluagh Dhè ann an Ephesus, thugaibhse a tha a' cur ur n‑earbsa ann an Iosa Crìosd. 2Gun robh gràs agus sìth agaibh bho Dhia ar n‑Athair agus bhon Tighearna Iosa Crìosd.
Beannachdan spioradail ann an Crìosd
3Nach sinn a bu chòir taing is moladh a thoirt do Dhia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd. Ann an Crìosd, bheannaich e sinn leis a h‑uile beannachadh spioradail anns an rìoghachd nèamhaidh. 4Oir mus robh an saoghal idir ann, thagh e sinn ann an Crìosd gu bhith naomh agus gun choire na fhianais. A chionns gu robh gràdh aige dhuinn 5chomharraich e mach sinn ro‑làimh gu bhith nar mic dha fhèin tre Iosa Crìosd, oir b'e seo a thoil agus a rùn. 6Mar sin bithidh sinn ga mholadh airson a ghràis ghlòrmhoir a thug e dhuinn cho fialaidh na Mhac gràdhach. 7-8#Col 1.14A chionns gun deach fhuil-san a dhòrtadh, tha sinne air ar cur saor is ar peacaidhean air am maitheadh dhuinn. Sin cho fialaidh 's a tha Dia leis a' ghràs a thug e dhuinn ann am pailteas cho mòr. Le seo tha e a' sealltainn cho coileanta 's a tha a ghliocas agus a thuigse. 9Roghnaich e gun toireadh e eòlas dhuinn air an nì sin a bha falaichte na rùintean fhèin, an nì a chuir e roimhe a thoirt gu buil ann an Crìosd. 10'S e sin gun stiùireadh e a h‑uile rud a dh'ionnsaigh na h‑uaire anns am bi Crìosd na cheann air gach nì, an dà chuid air nèamh agus air thalamh. 11Mar a rùnaich e bho thoiseach, thagh Dia sinn ann an Crìosd gu bhith nar sluagh dha fhèin, dìreach mar a tha e a' toirt gu buil a h‑uile nì a rèir a thoil agus a rùin, 12air dhòigh 's gum biodh sinne, a' chiad fheadhainn a chuir ar dòchas ann an Crìosd, a' moladh a ghlòire. 13Agus nuair a chuala sibhse am facal fìrinneach, Deagh Sgeul ur slàinte, air dhòigh 's gun do chreid sibh e, chomharraich Dia sibh dha fhèin nuair a thug e dhuibh an Spiorad Naomh a chaidh a ghealltainn. 14'S e gu bheil an Spiorad againn a tha gar dèanamh cinnteach gum faigh sinn an oighreachd a gheall Dia dhuinn, 's gum bi an sluagh a bhuineas dha air an cur saor gu h‑iomlan, air a leithid a dhòigh 's gum bi a ghlòir air a moladh.
Urnaigh Phòil
15Mar sin, riamh bho chuala mi mu dheidhinn ur creidimh anns an Tighearna Iosa agus an gràdh a th'agaibh do shluagh Dhè uile, 16cha do sguir mi a thoirt taing do Dhia air ur son. Tha mi gur cuimhneachadh nam ùrnaighean, 17ag iarraidh gun toir Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, Spiorad tuigse agus foillscachaidh dhuibh, air dhòigh 's gum bi eòlas agaibh air fhèin. 18Tha mi ag iarraidh gum bi sibh air ur soillseachadh nur cridheachan air dhòigh is gum bi fios agaibh air an dòchas gus a bheil Dia gur gairm, air cho saidhbhir 's cho glòrmhor 's a tha an oighreachd a tha Dia a' gealltainn dha shluagh fhèin, 19agus cho anabarrach mòr 's a tha an cumhachd a tha ag obrachadh annainne a tha a' creidsinn. 'S e seo an dearbh chumhachd neartmhor 20#Salm 110.1a chleachd Dia nuair a thog e Crìosd bhon bhàs 's a chuir e na shuidhe e aig a dheaslaimh fhèin ann an nèamh. 21Sin far a bheil e, fada os cionn gach tighearna is ùghdarras is cumhachd is riaghlair, os cionn gach ainm aig a bheil urram chan ann a‑mhàin san t‑saoghal seo ach cuideachd san t‑saoghal a tha romhainn. 22#Salm 8.6#Col 1.18Chuir Dia a h‑uile rud fo chasan Chrìosd, agus thug e dhan eaglais e mar an ceann a tha a' riaghladh thar gach nì. 23'S i an eaglais a chorp, 's tha i ga dhèanamh iomlan mar a tha e fhèin a' dèanamh iomlan a h‑uile nì a th'ann.
ที่ได้เลือกล่าสุด:
Ephèsianaich 1: GLD
เน้นข้อความ
แบ่งปัน
คัดลอก
ต้องการเน้นข้อความที่บันทึกไว้ตลอดทั้งอุปกรณ์ของคุณหรือไม่? ลงทะเบียน หรือลงชื่อเข้าใช้
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017