Tha mi ag iarraidh gun dèan e as a bheairteas ghlòrmhor fhèin ur neartachadh nur beatha spioradail, mar a bhios a Spiorad ag obrachadh annaibh, 's gun dèan Crìosd còmhnaidh nur cridheachan tre chreideamh. Tha mi ag ùrnaigh cuideachd gum bi ur freumh agus ur stèidh agaibh ann an gràdh, 's mar sin gum bi e comasach dhuibhse agus do shluagh Dhè gu lèir a thuigsinn cho leathann 's cho fada, cho àrd 's cho domhainn 's a tha gràdh Chrìosd. Ged a tha an gràdh sin a' dol thar eòlas duine, tha mi ag ùrnaigh gum faigh sibhse eòlas air, 's gum bi sibh mar sin air ur lìonadh gu h‑iomlan le lànachd Dhè.