Sailm Dhaibhidh 13

13
Salm 13
1Cia fhad a dhearmadar mi leat,
a Dhia, an ann gu bràth?
Cia fhad a cheileas tu do ghnùis
om anam truagh gach tràth?
2Cia fhad bhios imcheist ann am chom,
le cridhe trom gach là?
Cia fhad a chuirear tharam suas
an tì bha dhomh na nàmh?
3Tabhair fa‑near, is freagair mi,
a Thighearna mo Dhia;
Soillsich mo shùilean, cadal trom
chum bàis nach caidil mi.
4Eagal gun abair rium mo nàmh,
chaidh agam air a‑nis;
'S gun dèan mo naimhdean gàirdeachas,
an uair a dh'aomar mis'.
5Ach dh'earb mi à do ghràs; is bidh
mo spiorad ait ad shlàint':
6Is seinnidh mi gu binn do Dhia
airson a phailteis ghnàthaicht'.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 13: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in