Sailm 16
16
1Dhia, coimhead mi, oir annad fhèin
a tha mo dhòigh gu fìor;
2O m’anam, thubhairt thu ri Dia,
is tu mo Thriath gu sìor.
3Mo mhaitheas ort gu dearbh cha ruig;
ach air na naoimh a tha
Air thalamh, ’s air na flaithibh fìor
ga bheil mo ghean ’s mo ghràdh.
4Mòr-mheudaichear an doilgheas dhaibh,
a dheifricheas gu luath
Air lorg dhè eile choimheach bhrèig’,
a’ cur ri cràbhadh truagh:
An ìobairt-dhibhe tha de fhuil
chan ofrail mi gun cheist,
Is air an ainmibh ann am bheul
cha toir mi luaidh am feasd.
5Cuibhreann mo chup’ is m’oighreachd Dia:
’s tu sheasas dhomh mo chrann.
6An àitibh aoibhneach thuit mo lìon:
’s leam oighreachd bhrèagh’ nach gann.
7Bheir mise buidheachas do Dhia,
thug comhairl’ orm am fheum:
Tha m’àirnean fòs an àm na h-oidhch’
gam theagasg mar an ceudn’.
8Do chuir mi romham, anns gach cùis,
an Tighearn mòr a-ghnàth;
Chionn air mo dheaslàimh gu bheil e,
cha ghluaisear mi gu bràth.
9Mo chridh’ nì aoibhneas uime sin,
nì gàirdeachas mo ghlòir;
Nì m’fheòil fòs còmhnaidh fhoistinneach
le dìon an dòchas mòr.
10Oir anns an uaigh chan fhàgar leat
shìos m’anam, air aon achd:
’S cha leig thu fòs dod sheircean naomh
gum faic e truaillidheachd.
11Dhomh sligh’ na beatha nochdaidh tu:
ad làthair làn aoibhneas tha,
Is aig do dheaslàimh fhèin, a Dhè,
mòr-shubhachas gu bràth.
தற்சமயம் தேர்ந்தெடுக்கப்பட்டது:
Sailm 16: SD1826
சிறப்புக்கூறு
பகிர்
நகல்
உங்கள் எல்லா சாதனங்களிலும் உங்கள் சிறப்பம்சங்கள் சேமிக்கப்பட வேண்டுமா? பதிவு செய்யவும் அல்லது உள்நுழையவும்
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000