N. Eoin 15
15
XV. CAIB.
Tuilleadh de chomhradh Chriosta, ri dheisciopuil.
1Is mise an fhior fhionan, agus se mʼAthair an tuathanach.
2A h-uile miar unnamsa nach eil toirt a mach measa, bheir e air falbh i; ʼs gach miar a tha toirt a mach measa, glanaidh e i, los gun toir i mach am barrachd measa.
3A nis tha sibhse glan, as leth an fhacail a labhair mi ribh.
4Fanaibh unnamsa: us mise unnaibhse. Mar nach urrainn do ʼn mhiar meas a thoirt a mach bhuaipe fhein, mur fan i san fhionan, mar sin cha n-urrainn duibhse, mur fan sibh unnamsa.
5Is mise an fhionan, sibhse na meoir; an neach a tha fantuinn unnamsa, agus mise annsan, tha esan a toirt a mach moran measa: oir as mʼ aonais cha n-urrainn duibh ni dhianamh.
6Neach nach fan unnam-sa, tilgear a mach e mar mhiar, agus seargaidh e, agus trusaidh iad e, us tilgidh iad san teine e, agus loisgidh e.
7Ma dhʼ fhanas sibh unnamsa, ʼs ma dhʼ fhanas mʼ fhacail unnaibhse, iarraibh ni air bith is aill leibh, agus nithear dhuibh e.
8Ann an so tha mʼAthair air a ghlorachadh, gun toir sibh a mach fior mhoran toraidh, ʼs gun dianar sibh ʼnur deisciopuil dhomhsa.
9Mar a thug an t-Athair gradh dhomhsa, thug mise gradh dhuibhse. Fanaibhse na mʼ ghradh.
10Ma ghleidheas sibh mʼ fhaintean, fanaidh sibh na mʼ ghradh, mar a ghleidh mise fhein faintean mʼ Athar, us tha mi fantuinn ʼna ghradh-sa.
11Iad so labhair mi ribh, gus mʼaoibhneas a bhith unnaibh, ʼs gus ur n-aoibhneasa a bhith lan.
12Si so mʼ fhainte, gun toir sibh gaol do gach a cheile, mar a thug mise gaol dhuibhse.
13Gaol nas mua na so cha n-eil aig duine air bith, gun leigeadh duine a bheatha sios air son a chairdean.
14Is sibhse mo chairdean-sa, ma ni sibh na tha mi g-àithneadh oirbh.
15A nis cha chan mi seirbhisich ribh: oir cha n-eil fhios aig seirbhiseach ciod a tha mhaighistir a dianamh. Ach thuirt mi cairdean ribh: a chionn gun dʼrinn mi aithnichte dhuibhse na nichean gu leir, a chuala mi bho mʼ Athair.
16Cha sibhse a thagh mise: ach thagh mise sibhse, us shuidhich mi sibh, gus sibh a dhol us toradh a thoirt a mach, ʼs gum mair ur toradh; los, ge bʼ e ni a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, gun toir e dhuibh e.
17ʼSiad so na nichean a; tha mi g-àithneadh oirbh, sibh gaol a thoirt dha cheile.
18Ma tha an saoghal a toirt fuatha dhuibh, biodh brath agaibh, gun tug e fuath dhomhsa roimhibh.
19Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal sibh, bheireadh an saoghal gaol dha mhuinntir fhein: ach bho nach eil sibh dhe ʼn t-saoghal, ach gun do thagh mise sibh as an t-saoghal, air son sin tha fuath aig an t-saoghal oirbh.
20Cuimhnichibh air mʼ fhacal, a thuirt miʼ ribh: Cha n-eil an seirbhiseach nas mua na mhaighistir. Ma rinn iad geur-leanmhuinn ormsa, ni iad geur-leanmhuinn oirbhse cuideachd; ma chum iad mʼ fhacalsa, cumaidh iad ur facalsa mar an ciadna.
21Ach iad so uile ni iad oirbh as leth mʼ ainmse: a chionn nach aithne dhaibh esan a chuir mi.
22Mur bithinn-sa air tighinn ʼs air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a nis cha n-eil leisgeul aca air son am peacaidh.
23Esan aig a bheil fuath dhomhsa, tha fuath aige dha mʼ Athair cuideachd.
24Mur bithinn-sa air oibrichean a dhianamh ʼnam measg nach dʼ rinn duine air bith eile, cha bhitheadh peacadh aca: ach a nis chunnaic iad, agus thug iad fuath dhomhsa mar-aon us dha mʼ Athair.
25Ach sin gus am facal, a tha sgriobhte ʼnan lagh, a choimhlionadh: Thug iad fuath dhomh gun aobhar.
26Ach nuair a thig an Cofhurtair, a chuireas mise h-ugaibh bhoʼn Athair, Spiorad na firinne, a tha tighinn bho ʼn Athair, bheir esan teisteanas ormsa;#15.26 XV., 26. a chuireas mise. Tha so dearbhadh an aghaidh Greigich an lathʼ-an-diugh, gum beil an Spiorad Naomh a tighinn bho ʼn Mhac, ceart mar bhoʼn Athair, air-neo cha bhitheadh e air a chur leis a Mhac.
27Us bheir sibhse teisteanas: a chionn gum beil sibh maille rium bho thoiseach.
Iliyochaguliwa sasa
N. Eoin 15: MacETN
Kuonyesha
Shirikisha
Nakili

Je, ungependa vivutio vyako vihifadhiwe kwenye vifaa vyako vyote? Jisajili au ingia
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017