Gniomhan 6
6
VI. CAIB.
Orduchadh nan seachd deaconan; eud Stephain.
1Agus anns na laithean sin, nuair bha aireamh nan deisciopul a miadachadh, dhʼeirich monmhur nan Greigeach an aghaidh nan Eabhrach, a thaobh gun dʼrinneadh dearmad air am bantraichean anns an riarachadh lathail.
2An sin ghairm na dhà-dhiag mor-bhuidhean nan deisciopul cruinn, us thuirt iad: Cha n-eil e ceart sinne dhʼfhagail facal De, ʼsa fhrithealadh do bhuird.
3Air an aobhar sin, a bhraithre, seallaibh ʼnur measg fhein air son seachdnar dhaoine aig am beil deagh ainm, agus lan de ʼn Spiorad Naomh, ʼs de ghliocas, a dhʼ orduicheas sinn thairis air an obair so.
4Ach leagaidh sinne ar n-aire gu buileach air urnaigh, ʼs air frithealadh an fhacail.
5Us thaitinn an seanachas ris a chuideachda uile. Agus thagh iad Stephan, duine lan de chreideamh ʼs de ʼn Spiorad Naomh, us Philip, us Prochorus, us Nicanor, us Timon, us Parmenas, us Nicolas á Antioch, fear a thionndaidh.
6Iad so chuir iad air bialaobh nan ostal, us iadsan a dianamh urnaigh, chuir iad an lamhan orra.
7Agus chinnich facal an Tighearna, us lionoraicheadh aireamh nan deisciopul ann an Ierusalem gu ro-mhor; agus bha buidhean mhor de na sagairt umhailt do ʼn chreideamh.
8Agus rinn Stephan, ʼs e lan de ghrasan ʼs de neart, miarailtean, agus comharran mor am measg an t-sluaigh.
9A nis dhʼeirich cuid de ʼn t-sinagog, ris an abrar na Saoranaich, ʼs na Cirenich, ʼs na h-Alesandraich, agus dhiusan a bha bho Shilicia, agus Asia, a dheaspud ri Stephan;
10ʼS cha bʼ urrainn daibh cur an aghaidh a ghliocais, ʼs an spioraid a bha labhairt.
11An sin thug iad ceannach do dhaoine a theireadh, gun cuala iad e a g-radh facail bhlaisbheum an aghaidh Mhaois ʼs an aghaidh Dhe.
12Mar sin ghluais iad an sluagh, ʼs na seanairean, ʼs na Sgriobhaich; ʼsa ruith cuideachd, rug iad air, ʼs thug iad air bialaobh na comhairle e.
13Agus thug iad a stigh fianuisean-breige, a thuirt: Cha n-eil tamh air an duine so ach a labhairt bhriathran an aghaidh an ionaid naoimh agus an lagha.
14Oir chuala sinn e g-radh, gun sgrios Iosa so bho Nasareth an t-aite so, ʼs gun atharraich e na bial-aithrisean, a liubhair Maois dhuinn.
15Us chunnaic iadsan uile, a bha ʼnan suidhe sa chomhairle, ʼs iad a g-amharc air, ʼaodann mar aodann aingil.
Iliyochaguliwa sasa
Gniomhan 6: MacETN
Kuonyesha
Shirikisha
Nakili

Je, ungependa vivutio vyako vihifadhiwe kwenye vifaa vyako vyote? Jisajili au ingia
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017