Chapa ya Youversion
Ikoni ya Utafutaji

Gniomhan 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Deas-ghabhail Chriosta: Mathias air a thaghadh an aite Iudais.
1Rinn mi chiad leabhar, O Theophiluis, mu na nichean uile, a thòisich Iosa ri dhianamh ʼs ri theagasg,
2Gus an latha air na thogadh suas e, an deigh dha fhaintean a thoirt leis an Spiorad Naomh do na h-ostail a thagh e;
3Us dha na dhʼ fhiach e e fhein beo as deigh a phàis le ioma dearbhadh, ga fhiachuinn fhein dhaibh ré dhà-fhichead latha, ʼsa labhairt mu rioghachd Dhe.
4ʼSa g-icheadh maille riu, dhʼàithn e orra gun iad a dhʼ fhalbh bho Ierusalem, ach iad a dhʼfheitheamh ri gealltanas an Athar, a chuala sibh (os esan) bho mʼ bhialsa:
5Oir bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh beagan laithean an deigh so.
6Uime sin dhʼfharraid iadsan, a bha cruinn, dheth, a g-radh: A Thighearna, an ann san àm so a thilleas tu an rioghachd do Israel?
7Ach thuirt e riu: Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h-amannan no air na mionaidean, a chuir an t-Athair ʼna chomas fhein:
8Ach gheobh sibh cumhachd an Spioraid Naoimh a tighinn nuas oirbh, us bithidh sibh ʼnur fianuisean dhomhsa ann an Ierusalem, agus ann an Iudéa uile, agus an Samaria, agus gu ruig iomall an t-saoghail.
9Agus nuair a thuirt e na nichean so, thogadh suas e, ʼs iadsan ga fhaicinn; us thug nial e as an sealladh.
10ʼS nuair a bha iad a g-amharc air a dol suas do fhlathanas, seall, sheas lamh riu dithis dhaoine an deiseachan geala,
11A thuirt: Fheara Ghalile, ciod h-uige tha sibh ʼnur seasamh a coimhead suas gu neamh? Iosa so, a thugadh bhuaibh do fhlathanas, thig e mar a chunnaic sibh e dol suas do fhlathanas.
12An sin thill iad gu Ierusalem, bho ʼn t-sliabh ris an abrar Olibhet, a tha teann air Ierusalem, uidhe latha sàbaid bhuaithe.
13Us nuair thainig iad a stigh, chaidh iad suas do sheomar uachdrach, far an robh Peadar ʼs Eoin, Seumas us Aindris, Philip us Tomas, Bartholomé us Matha, Seumas Alpheuis, us Simon Selotes, agus Iudas brathair Sheumais, a tuinidh.
14Bha iad so uile a buanachadh a dhʼaon inntinn ann an urnaigh, maille ris na boirionnaich, agus Moire mathair Iosa, ʼsa bhraithrean.
15Anns na laithean sin dhʼ eirich Peadar am miadhon nam braithrean, us thuirt e (a nis bha cruinn mun cuairt do chiad agus fichead pearsa):
16Fheara agus a bhraithrean, is còir an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh, a roimh-labhair an Spiorad Naomh le bial Dhài mu Iudas, a bha ʼna cheann-iuil dhaibh-san a ghlac Iosa:
17A bha air a chunntadh ʼnar measg-ne, ʼs aig an robh pairt de ʼn driachd so.
18Agus fhuair e gu dearbh seilbh air achadh le duais na h-eucorach, agus air dha bhith air a chrochadh, sgain e sa mhiadhon; agus thaom a mhionach uile mach.
19Agus rinneadh so follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad, air chor ʼs gun abrar ʼnan canan-sa ris an achadh sin, Haceldama, se sin ri radh achadh na fala.
20Oir tha e sgriobhte ann an leabhar nan salm: Biodh an aite-comhnuidh fàs, agus na gabhadh neach air bith tamh ann; us faigheadh fear eile ʼeasbuigeachd.
21Air an aobhar sin feumar fear dhe na daoine so, a bha comhla ruinn ré na tìme san robh an Tighearna Iosa a dol a stigh ʼsa mach comhla ruinn,
22A tòiseachadh aig baisteadh Eoin, gus an latha air na thogadh bhuainn e, a dhianamh ʼna fhianuis comhla ruinne air ʼaiseirigh.
23Agus shonraich iad a mach dithis, Ioseph, ris an canar Barsabas, dha ʼn co-ainm Iustus, agus Mathias.
24ʼSa g-urnaigh thuirt iad: Thusa, a Thighearna, dha ʼn aithne cridheachan dhaoine uile, fiach co dhe ʼn dithis so a thagh thu,
25A ghabhail aite an fhrithealaidh so ʼs na h-ostalachd, bho ʼn do thuit Iudas le dhrochbheart, gus e dhol gu aite fhein.
26Agus thug iad crainn daibh; us thuit an crann air Mathias, agus mheasadh e an aireamh an aon ostail dhiag.

Iliyochaguliwa sasa

Gniomhan 1: MacETN

Kuonyesha

Shirikisha

Nakili

None

Je, ungependa vivutio vyako vihifadhiwe kwenye vifaa vyako vyote? Jisajili au ingia