Logo YouVersion
Ikona Hľadať

Laoidhean 24

24
LAOIDH 24
Isaiah 49.13-17
1A neamha togaibh luathghair ait;
a thalamh, binn‑cheol seinn;
A shléibhte, canaibh co‑sheirm chiùil,
's gach dùil air feadh gach linn!
2Feuchaibh da tròcaireach ar Dia!
cluinnibh a bhriathra gràis;
Do'n anam thruagh bheir comhfhurtachd,
is saors' o dhochann bàis.
3Sguiribh, an làithibh goirt 'ur claoidh',
d'ur caoidh 's d'ur gearan cruaidh:
An saoil sibh nach toir Dia fa'near
staid gach aoin neach d'a shluagh?
4An dìobair màthair cìochran maoth
a brollaich, le h‑an‑iochd?
Nach maothaich osna 's deòir a cridh'
's nach gabh i truas d'a sliochd?
5Ach, arsa Dia, ged chaochail iochd
d'a gineil anns gach mnaoi,
Mo ghaol is m'iochd‑sa do mo shluagh,
gun chaochladh mairidh chaoidh.
6Domhain air dèarnaibh mo dhà làimh,
ainm Shioin ghearr mi sìos;
A balla briste càiridh' mi,
's a h‑àrois togaidh rìs.

Aktuálne označené:

Laoidhean 24: LSN1987

Zvýraznenie

Zdieľať

Kopírovať

None

Chceš mať svoje zvýraznenia uložené vo všetkých zariadeniach? Zaregistruj sa alebo sa prihlás