Genesis 4
4
1Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna.
2Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.
3Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna.
4Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:
5Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.
6Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis?
7Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.
8Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e.
9Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?
10Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh.
11Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.
12Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear-fuadain bidh tu air an talamh.
13Agus thubhairt Càin ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi a ghiùlan.
14Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi.
15Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.
16Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden.
17Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch.
18Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech.
19Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
20Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh.
21Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ.
22Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal-càin, fear-teagaisg gach uile fhir-ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal-càin Nàamah.
23Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh.
24Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd-deug agus a thrì-fichead uiread.
25Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.
26Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.
Aktuálne označené:
Genesis 4: ABG1992
Zvýraznenie
Zdieľať
Kopírovať
Chceš mať svoje zvýraznenia uložené vo všetkých zariadeniach? Zaregistruj sa alebo sa prihlás
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017