YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 1

1
1 Cruthachadh nan nèamh agus na talmhainn, 3 an t‑solais, 14 na grèine, na gealaich, agus nan reult, 20 na h‑èisg agus na h‑eunlaith, 24 na sprèidh agus bheathaichean eile na talmhainn, 30 agus cruthachadh an duine ann an coslas Dhè.
1Anns an toiseach#Gnà 8:23; Eòin 1:1, 2; Eabh 1:10 chruthaich#Iob 38:4; Isa 40:26; Salm 33:6; Ier 51:15; Sech 12:1; Gnìo 14:15; Ròm 1:20; Col 1:16 Dia na nèamhan agus an talamh.
2Agus bha an talamh#Iob 26:7; Ier 4:23 gun dealbh agus falamh; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne. Agus bha Spiorad#Iob 26:13; Salm 104:30 Dhè a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan.
3Agus thubhairt Dia#Salm 33:9, Biodh solas ann#2 Cor 4:6; Eph 5:14: agus bha solas ann.
4Agus chunnaic Dia an solas, gu robh e math: agus chuir Dia dealachadh eadar an solas agus an dorchadas.
5Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là#Salm 74:16, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar#1:5 bha feasgar ann agus bha madainn ann. agus a’ mhadainn an ciad là.
6Agus thubhairt Dia#Iob 37:18, Biodh adhar#1:6 speuran. ann am meadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeachan.
7Agus rinn Dia an t‑adhar#Ier 10:12, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn#Gnà 8:28 an adhair: agus bha e mar sin.
8Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.
9Agus thubhairt Dia#Iob 38:8, Cruinnichear na h‑uisgeachan a tha fo nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin.
10Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math.
11Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach#Mat 6:30 feur, luibh a ghineas sìol, craobh‐mheas a bheir a‑mach#Lùc 6:44 meas a rèir a gnè, aig a bheil a sìol innte fhèin, air an talamh: agus bha e mar sin.
12Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
13Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.
14Agus thubhairt Dia, Biodh#Salm 130:7 solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean#Salm 104:19, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:
15Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin.
16Agus rinn Dia dà sholas mhòr; an solas as mò a riaghladh an là, agus an solas as lugha a riaghladh na h‑oidhche: agus na reultan.
17Agus shuidhich Dia iad ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh,
18Agus a riaghladh#Ier 31:35 anns an là, agus anns an oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an solas agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu robh e math.
19Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là.
20Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha#1:20 anam beò., agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.
21Agus chruthaich Dia mucan‐mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
22Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h‑uisgeachan anns na fairgeachan, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh.
23Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an còigeamh là.
24Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach an creutair beò a rèir a ghnè, sprèidh, agus gach nì a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a rèir an gnè: agus bha e mar sin.
25Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
26Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh.
27Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin#Ecl 7:29; Eph 4:24, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad.
28Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.
29Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns a bheil meas craoibhe a ghineas sìol#Gen 9:3; dhuibhse bidh e mar bhiadh.
30Agus do uile bheathaichean na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach nì a shnàigeas air an talamh, anns a bheil beatha#1:30 anam beò., thug mi gach luibh ghorm mar bhiadh: agus bha e mar sin.
31Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là.

Currently Selected:

Genesis 1: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in