YouVersion
Pictograma căutare

N. Matu 6

6
VI. CAIB.
An darna earrann deʼn t-searmoin air a bheinn.
1Thugaibh an aire nach dian sibh ur ceartas#6.1 VI., 1. Ur ceartas. ʼSe sin oibrichean matha, mar tha traisg, urnaigh, us deirc; agus bu chòir an leithidean a dhianamh cha n-ann air son faoin-ghloire no gu daoine a thoileachadh, ach gu Dia ʼna aonar a thoileachadh. an lathair dhaoine, gus sibh a bhith air ur faicinn leo: air-neo cha bhi duais agaibh bhoʼr n-Athair, a tha air neamh.
2Uime sin nuair a bheir thu seachad deirc, na seid trombaid romhad, mar a tha na cealgairean a dianamh sna sinagogan, agus air na straidean, gus iad a dhʼfhaighinn onair bho dhaoine. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.
3Ach nuair bheir thusa seachad deirc, na biodh fios aig do laimh chli ciod tha do lamh dheas a dianamh:
4Los gum bi do dheirc an uaigneas, agus bheir tʼAthair, a chi an uaigneas, duais dhut.
5Agus nuair a ni sibhse urnaigh, na bithibh mar na cealgairean, leis an toil urnaigh a dhianamh ʼnan seasamh sna sinagogan ʼs aig oisinnean nan straidean, los gum faicear le daoine iad: Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.
6Ach thusa nuair a ni thu tʼ urnaigh, theirig a stigh dha dʼ sheomar, ʼsa dunadh an doruis dian urnaigh ri tʼAthair an uaigneas: agus tʼAthair, a chi ann an uaigneas, paidhidh e thu.
7Agus nuair ni sibh urnaigh, na abraibh moran, mar na cinnich: oir tha duil aca-san le moran a radh gum faigh iad eisdeachd.
8Na bithibh ma ta coltach riu, oir ʼs aithne dha ʼr n-Athair na tha feumail dhuibh muʼn iarr sibh air e.
9ʼSann mar so ma ta ni sibh urnaigh: Ar n-Athair, a tha air neamh, gum bu naomh a bhios tʼainm.
10Gun tigeadh do rioghachd. Gun dianar do thoil air talamh, mar a thathas ga dianamh air neamh.
11Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail.
12Agus math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinn do luchd-ar-fiach.
13ʼS na leig ann am buaireadh sinn. Ach saor sinn bho ʼn olc. Amen.
14Oir ma mhathas sibh an ciontan do dhaoine, mathaidh ur n-Athair air neamh ur ciontan fhein dhuibhse.
15Ach mur math sibh do dhaoine, cha mhua mhathas ur n-Athair ur ciontan dhuibh fhein.
16Agus nuair a ni sibh traisg, na bithibh dubhach mar na cealgairean: oir duaichnichidh iadsan an aodann, gus fhiachuinn do dhaoine gu bheil iad a trasgadh. Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.
17Ach nuair a thraisgeas tusa, ung do cheann, us nigh tʼaodann;
18Gus nach faicear le daoine thu ri traisg, ach le tʼAthair, a tha an uaigneas: agus tʼAthair, a tha an uaigneas, ath-dhiolaidh e dhut.
19Na taisgibh dhuibh fhein iuntas air talamh, far an caith a mheirg ʼs an reudan, agus far am brist meirlich a stigh ʼs an goid iad.
20Ach taisgibh dhuibh fhein iuntas am flathanas: far nach caith a mheirg no an reudan, agus far nach brist meirlich a stigh, ʼs nach goid iad.
21Oir far am beil tʼ iuntas, ʼsann an sin tha do chridhe mar an ciadna.
22Si do shuil solus do choluinne. Ma bhitheas do shuil glan bithidh do cholunn uile soilleir.
23Ach ma bhios do shuil olc, bithidh do cholunn uile dorcha. Le sin ma tha an solus a tha unnad ʼna dhorchadas, nach mor an dorchadas a bhios an sin!
24Cha n-urrainn do dhuine sam bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh. Oir bheir e fuath doʼn darna fear, us gaol do ʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna h-aon, us ni e diu de ʼn aon eile. Cha n-urrainn dhuibh seirbhis a dhianamh do Dhia ʼs do mhammon.
25Uime sin deiream ribh, na biodh iomaguin oirbh mu ʼr beatha, ciod a dhʼitheas sibh, no mu ʼr coluinn, ciod a chuireas sibh oirbh. Nach mua a bheatha na ʼm biadh, ʼs nach mua a cholunn na ʼn t-aodach?
26Seallaibh air ianlaith an athair, oir cha n-eil iad a cur, no buain, no cruinneachadh gu saibhlean: ʼs tha ur n-Athair neamhaidh gam beathachadh. Nach mua luach gu mor sibhse na iadsa?
27Us co agaibh le smaoineachadh is urrainn aon lamh-choille a chur ri airde fhein?
28Agus mu aodach car-son a tha sibh fo imcheist? Gabhaibh beachd air lilidhean an achaidh mar a tha iad a fàs: cha n-eil iad ri saothair no ri sniomh.
29Ach tha mise radh ribh nach robh Solomon fhein ʼna uile ghloir air eideadh coltach ri h-aon dhiu so.
30A nis ma tha Dia a sgeadachadh mar so fiar an achaidh, a tha an diugh ann, ʼsa thilgear am maireach san àmhuinn: nach mor is mua sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?
31Na bithibh ma ta fo churam, a g-radh: Ciod a dhʼitheas sinn, no ciod a dhʼolas sinn, no ciod a chuireas sinn oirnn?
32Oir iad so uile tha na cinnich a g-iarraidh. Oir tha fios aig ur n-Athair gum beil feum agaibh air na nichean sin uile.
33Air an aobhar sin iarraibh an toiseach rioghachd Dhe ʼs a cheartas-san, agus bheirear iad sin uile dhuibh a bharrachd.
34Uime sin na biodh iomaguin oirbh muʼn là maireach; oir bithidh an latha maireach curamach uime fhein. Is leor doʼn latha ʼolc fhein.

Selectat acum:

N. Matu 6: MacETN

Evidențiere

Partajează

Copiază

None

Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te