YouVersion
Pictograma căutare

Philipianaich 1

1
1 # Gniomh 16.12 Tha mise, Pòl, agus Timòteus — seirbhisich Iosa Crìosd le chèile — a' cur na litir seo gu na creidmhich uile ann am Philipi a tha air an aonadh ri Iosa Crìosd, 's gun luchd-dreuchd a tha gan stiùireadh 's gan cuideachadh. 2Gun robh gràs agus sìth agaibh bho Dhia ar n‑Athair, agus bhon Tighearna Iosa Crìosd.
Urnaigh Phòil
3Chan eil uair a tha mi a' cuimhneachadh oirbh nach eil mi a' toirt taing dham Dhia air ur son. 4Tha mi daonnan ag ùrnaigh as ur leth le fìor ghàirdeachas, 5a chionns gu robh sinn còmhla ri chèile ann an obair an t‑Soisgeil on chiad là a chreid sibh, gu ruig an t‑àm seo fhèin. 6'S e Dia a thug air an obair mhath seo tòiseachadh annaibh, 's tha mi làn chinnteach gun cùm e a' dol i gus an cuir e crìoch oirre air an là a thilleas Iosa Crìosd. 7Chan eil e ach ceart gum bithinn a' smaoineachadh oirbh uile mar seo, oir tha gràdh mòr agam oirbh nam chridhe, leis mar a tha sibh air fad a' gabhail pàirt anns an obair seo a thug Dia na ghràs dhomh. Tha sibh a' toirt taic dhomh an dà chuid nuair a tha mi air mo ghlasadh anns a' phrìosan, 's nuair a tha mi a' bruidhinn as leth an Deagh Sgèil, 's a' dearbhadh gu bheil e fìor. 8Tha fhios aig Dia fhèin mar a tha mo chridhe a' dol a‑mach thugaibh anns a' ghràdh a th'aig Iosa Crìosd dhuinn.
9'S e seo an ùrnaigh a th'agam. Tha mi ag iarraidh gum bi ur gràdh a' sìor fhàs nas motha, 's gum bi tuigse agus gach seòrsa breithneachaidh agaibh còmhla ris. 10Mar sin bidh e nur comas na rudan anns a bheil fìor luach aithneachadh, 's bidh sibh glan agus gun choire air an là a bheir Crìosd breith oirbh. 11Tha mi a' guidhe gun dèan Iosa Crìosd ur lìonadh le toradh na fìreantachd, 's air sgàth sin gum faigh Dia glòir agus cliù.
“'S e Crìosd mo bheatha”
12Bu mhath leam gun tuigeadh sibh, a chàirdean, gur ann a' soirbheachadh a tha an Soisgeul air sàillibh na thachair dhòmhsa. 13#Gniomh 28.30'S e a' bhuil a th'ann gu bheil fhios aig geàird na lùchairt gu lèir, 's aig a h‑uile duine eile, gur ann air sgàth Chrìosd a tha mi sa phrìosan. 14'S a chionns gu bheil mi sa phrìosan, tha a' mhòr-chuid de na creidmhich air tuilleadh misneachd fhaighinn anns an Tighearna, 's tha iad a' sìor fhàs nas dàine ann a bhith a' searmonachadh facal Dhè gun eagal. 15Gun teagamh, tha feadhainn ann a tha a' searmonachadh Chrìosd a chionns gu bheil farmad aca rium, 's a chionns gu bheil iad aimhreiteach; ach tha feadhainn eile ann a tha ga shearmonachadh le deagh rùn. 16Tha iad sin ga dhèanamh ann an gràdh, oir tha iad a' tuigsinn gur ann airson a bhith a' cur air adhart an Deagh Sgèil a tha mi far a bheil mi. 17Tha càch a' searmonachadh Chrìosd ann am fèinealachd, 's chan ann le cridhe glan, 's iad an dùil gun toir iad an tuilleadh sàrachaidh dhomh, fhad 's a tha mi sa phrìosan.
18Ach coma! 'S e a' bhuil a th'ann gu bheil daoine a' searmonachadh Chrìosd anns a h‑uile dòigh, co‑dhiù tha adhbhar math no dona aca air a shon, agus tha mise fìor thoilichte. Agus 's ann toilichte a bhitheas mi 19oir tha fhios agam gur e mo shaorsa a thig a seo, air sàillibh nan ùrnaighean agaibhse, agus cuideachadh Spiorad Iosa Crìosd. 20'S e rùn mo chridhe agus mo dhùrachd nach bi mi air mo nàireachadh ann an nì sam bith, ach gum bi mi air mo lìonadh le dànachd aig gach àm 's gu h‑àraid an dràsda fhèin, gus am bi Crìosd air a ghlòrachadh nam chorp, co‑dhiù bhios mi beò no marbh. 21Air mo shon-sa 's e Crìosd mo bheatha, agus mar sin, 's e buannachd a th'anns a' bhàs. 22Ach mas e 's gum fuirich mi sa bheatha seo, thig toradh air m'obair. Chan eil fhios agam, ma tha, dè a roghnaicheas mi. 23Tha mi air mo theannadh eadar an dà roghainn. Bu mhiann leam gu mòr a' bheatha seo fhàgail, agus a bhith còmhla ri Crìosd, rud a b'fheàrr uile-gu‑lèir; 24ach tha e nas fheumaile gum fuirich mi sa bheatha seo airson cuideachadh a thoirt dhuibhse. 25Tha mi cinnteach as a seo, agus tha fhios agam gum fan mi, 's gun lean mi orm còmhla ribh, gus an dèan sibh adhartas nur creideamh, 's gum bi aoibhneas agaibh ann. 26Mar sin, nuair a thilleas mi thugaibh a‑rithist, bidh barrachd adhbhair agaibh airson moladh a thoirt do dh'Iosa Crìosd air mo sgàth-sa.
27'S e seo a tha cudthromach — gum bi sibh beò còmhla ri chèile anns an dòigh a tha a' freagairt air Soisgeul Chrìosd. Co‑dhiù a thilleas mi gur faicinn, no gun cluinn mi mur deidhinn 's mi air falbh bhuaibh, tha mi ag iarraidh gum bi sibh a' seasamh gu daingeann anns an aon spiorad, 's a' strì còmhla mar aon duine airson creideamh an t‑Soisgeil. 28Na biodh an t‑eagal as lugha oirbh roimh ur nàimhdean. Dearbhaidh seo dhaibh gur e iadsan a chailleas, 's gur e sibhse a bhuannaicheas, agus gur e Dia a bheir seo gu buil. 29Oir thugadh dhuibh an t‑urram seo air sgàth Chrìosd, chan e a‑mhàin a bhith a' creidsinn ann, ach cuideachd a bhith a' fulang as a leth. 30#Gniomh 16.19-40Tha sibh mar sin còmhla rium fhìn anns an aon chòmhstri 's a bh'agam nuair a chunnaic sibh mi. Mar a tha sibh a‑nis a' cluinntinn, tha mi an sàs innte fhathast.

Selectat acum:

Philipianaich 1: GLD

Evidențiere

Partajează

Copiază

None

Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te