Philèmon 1
1
1Tha Pòl, a tha na phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, agus ar bràthair Timòteus a' cur na litir seo gu ar co‑obraiche gràdhach Philèmon, 2#Col 4.17agus an eaglais a tha a' coinneachadh na thaigh; gu ar piuthair Aphia, agus gu Archipus a tha a' cathachadh còmhla rinn. 3Gun robh gràs agus sìth agaibh bho Dhia ar n‑Athair agus bhon Tighearna Iosa Crìosd.
Gràdh agus creideamh Philèmoin
4Tha mi a' toirt taing dham Dhia gach uair a tha mi gad chuimhneachadh 's ag ùrnaigh air do shon, 5oir tha mi a' cluinntinn mar a tha thu a' gràdhachadh sluagh Dhè uile, agus a' cur d'earbsa anns an Tighearna Iosa. 6Tha mi ag iarraidh gum bi an dàimh a tha eadarainn air sgàth do chreidimh a' toirt fìor eòlas dhuinn air gach nì math as urrainn dhuinn a dhèanamh airson Chrìosd. 7A bhràthair chòir, tha do ghràdh a' toirt mòran aoibhneis agus misneachd dhomh, a chionns gun tug thu urad a thogail do chridheachan nan creidmheach.
Iarrtas as leth Onesimuis
8Mar sin, dh'fhaodainn, nan tograinn, mar do bhràthair ann an Crìosd, a bhith cho dàna 's gun toirinn òrdugh dhut a thaobh dè as còir dhut a dhèanamh. 9Ach air sgàth a' ghràidh a tha eadarainn, 's ann as fheàrr leam iarrtas a chur thugad. Tha mi a' dèanamh seo a dh'aindeoin 's gur mi Pòl, 's mi air tighinn gu aois, 's mi nise cuideachd nam phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd. 10#Col 4.9Tha m'iarrtas as leth Onesimuis, a thàinig gu bhith na mhac dhomh fhìn sa chreideamh nuair a bha mi sa phrìosan. 11Bha àm ann nach robh e gu feum sam bith dhutsa, ach tha e a‑nise feumail dhutsa agus dhòmhsa. 12Ged a tha gràdh mo chridhe agam air, tha mi ga chur air ais thugad. 13Bu mhath leam a chumail ann an seo còmhla rium, gus an dèanadh e, nad àite fhèin, mo chuideachadh agus mi nam phrìosanach air sgàth an t‑Soisgeil. 14Ach cha robh mi airson dad a dhèanamh gun do chead, gus am biodh tu deònach coibhneas a nochdadh led thoil fhèin 's chan ann ge b'oil leat. 15Dh'fhaodadh gur ann airson gum biodh e còmhla riut gu bràth tuilleadh a bha Onesimus dealaichte bhuat airson greiseag. 16Chan e dìreach seirbhiseach a th'ann tuilleadh, ach mòran a bharrachd; 's e th'ann ach bràthair gràdhach anns a' chreideamh. Air cho measail 's gu bheil e agamsa, bidh e nas measaile buileach agadsa an dà chuid mar dhuine agus mar chreidmheach anns an Tighearna.
17Mar sin, ma tha thu gam mheas mar fhear-dàimh, gabh ris-san mar a ghabhadh tu rium fhìn. 18Ma rinn e ole sam bith, no ma dh'fhalbh e le dad ort, cuir sin air a' chùnntais agamsa. Tha mise Pòl a' sgrìobhadh seo lem làimh fhìn: Pàighidh mise air ais thu. 19Cha ruig mi a leas a chur nad chuimhne gur ann tromhamsa a tha beatha agad fhèin anns a' chreideamh. 20Leis a sin, a bhràthair chòir, dèan thusa coibhneas dhòmhsa anns an Tighearna; thoir togail dham chridhe mar mo charaid ann an Crìosd.
21Tha mi làn chinnteach, 's mi a' sgrìobhadh seo, gun dèan thu an rud a tha mi ag iarraidh — gu dearbh, gun dèan thu barrachd air na tha mi ag iarraidh. 22Bu mhath leam cuideachd gun cuireadh tu seòmar air leth dhomh, oir tha dòchas agam gum freagair Dia na h‑ùrnaighean agaibh uile, 's gum bi mi air ais còmhla ribh.
Beannachdan san dealachadh
23 #
Col 1.7, 4.12 Tha Epaphras, a tha sa phrìosan còmhla rium air sgàth Iosa Crìosd, a' cur bheannachdan thugad, 24#Gniomh 12.12, 25, 13.13, 15.37-39, 19.29, 27.2; Col 4.10, 14; 2 Tim 4.10, 11agus cuideachd mo cho-obraichean Marcus, Aristarchus, Dèmas, agus Lùcas. 25Gun robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd a' gabhail còmhnaidh annaibh.
Selectat acum:
Philèmon 1: GLD
Evidențiere
Partajează
Copiază
Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017