YouVersion
Pictograma căutare

Marcus 16

16
“Chaidh a thogail o na Mairbh”
1Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais, agus Salome cungaidhean cùbhraidh airson a dhol ga ungadh. 2Glè thràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, nuair a dh'èirich a' ghrian, chaidh iad chun na h‑uaighe. 3Bha iad ag ràdh ri cach-a‑chèile, “Cò chuireas car dhen chloich a th'aig doras na h‑uaighe?” 4Ach nuair a thug iad sùil, chunnaic iad gun robh a' chlach air a gluasad air falbh, 's b'e clach mhòr, mhòr a bh'innte. 5Nuair a chaidh iad a‑steach dhan uaigh, chunnaic iad fear òg na shuidhe air an taobh dheas ann an aodach fada geal, 's ghabh iad an t‑eagal.
6Ach thuirt esan riu, “Na biodh eagal sam bith oirbh. Tha sibh a' lorg Iosa o Nàsaret, a bha air a cheusadh. Chaidh a thogail o na mairbh, chan eil e ann an seo. Seallaibh, sin an t‑àite far an do chàirich iad e. 7Falbhaibh, 's canaibh ri a dheisciobail agus ri Peadar gu bheil e a' dol air thoiseach orra a Ghalile, 's gum faic iad ann an sin e, mar a thuirt e‑fhèin riu.”
8Chaidh iad a‑mach 's theich iad bhon uaigh, oir bha iad air chrith leis an ioghnadh a ghabh iad, 's cha leigeadh an t‑eagal leo guth a ràdh ri duine.
Iosa a' Coinneachadh ri Màiri
9 # 16.9-20: Ann an cuid dhe na làmh-sgrìobhainnean as sine, chan eil na h‑earrannan seo a' nochdadh idir. Tha làmh-sgrìobhainnean arm far a bheil an Soisgeul a' crìochnachadh mar seo: “Dh'innis iad gu h‑aithghearr do Pheadar 's dhan fheadhainn eile a bha còmhla ris a h‑uile nì mar a chaidh iarraidh orra. An dèidh seo chuir Iosa a‑mach na deisciobail sear is siar le naidheachd naomh agus bhuan na beatha shìorraidh. Amen.” An dèidh do dh'Iosa èirigh o na mairbh, tràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, b'e Màiri à Magdala, an tè ás an do chuir e seachd deamhain, a' cheud neach dhan do nochd e e‑fhèin. 10Dh'fhalbh ise 's dh'innis i e dhan fheadhainn a bha air a bhith còmhla ris, 's iad fhathast a' caoidh 's a' gal. 11Ach nuair a chuala iadsan gun robh e beò, 's gum faca ise e, cha robh iad ga creidsinn.
Dithis ga Fhaicinn
12An dèidh seo chaidh a nochdadh ann an cruth eile do dhithis dhiubh, 's iad a' gabhail an rathaid a‑mach dhan dùthaich. 13Thill iadsan, 's dh'innis iad e do chàch, ach cha do chreid iad iadsan na bu mhotha.
Na Deisciobail ga Fhaicinn
14Mu dheireadh, chaidh a nochdadh dhan aon fhear deug iad-fhèin, 's iad nan suidhe a' gabhail am bìdh. Chronaich e iad airson an cion creidimh agus cruas an cridhe, nach do chreid iad an fheadhainn a bh'air fhaicinn an dèidh dha èirigh o na mairbh. 15Thuirt e riu, “Rachaibh a‑mach air feadh an t‑saoghail, agus searmonaichibh an Deagh Sgeul do gach creutair. 16An neach a chreideas 's a thèid a bhaisteadh, bidh e air a shàbhaladh, ach an neach nach creid, bidh e air a dhìteadh. 17Bidh na comharran seo rim faighinn air an fheadhainn a chreideas: tilgidh iad a‑mach deamhain nam ainm-sa; bruidhnidh iad le cànanan ùra; 18togaidh iad nathraichean-nimhe len làmhan agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhtach, cha dèan e cron sam bith orra. Cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, 's thèid an slànachadh.”
Iosa air Nèamh
19An dèidh dhan Tighearna Iosa a bhith a' bruidhinn riu, chaidh a thogail suas gu nèamh, agus shuidh e aig deaslàimh Dhè. 20Chaidh iadsan a‑mach 's shearmonaich iad anns gach àite. Bha an Tighearna ag obair còmhla riu, 's a' dearbhadh leis na comharran a lean na luib gun robh am facal fìor.

Selectat acum:

Marcus 16: GLD

Evidențiere

Partajează

Copiază

None

Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te

Videoclipuri pentru Marcus 16