YouVersion
Pictograma căutare

Ephèsianaich 5

5
Beò anns an t‑solas
1Mar sin, bhon as e a chlann ghràdhach fhèin a th'annaibh, bu chòir dhuibh a bhith a' leantainn eisimpleir Dhè. 2#Ecs 29.18; Salm 40.6Bithibh beò ann an gràdh, dìreach mar a ghràdhaich Crìosd sinne, 's a thug e thairis a bheatha fhèin as ar leth na tabhartas agus na h‑ìobairt chùbhraidh a thug toileachadh do Dhia. 3Cha bu chòir e a bhith ri iomradh oirbh gu bheil a leithid de rud ri mì‑mhoraltachd no neòghlaine no sannt nur measg, oir chan eil sin idir a' freagairt air sluagh Dhè. 4Chan eil e freagarrach nas mò gum biodh bruidhinn shalach, cainnt ghòrach, no fealla-dhà dhrabasda agaibh. 'S ann a bu chòir dhuibh a bhith a' cur an cèill ur taingealachd. 5Faodaidh sibh a bhith làn chinnteach nach bi pàirt anns an rìoghachd a bhuineas do Chrìosd agus do Dhia aig neach sam bith a tha mì‑mhoralta, drùiseil no sanntach (oir 's e seòrsa de dh'iodhal-adhraidh a th'ann an sannt).
6Na leigibh le neach sam bith ur mealladh le facail gun stà, oir 's ann air sgàth sin a ghabhas Dia fearg ris an fheadhainn nach toir feairt air. 7Na gabhaibh gnothach sam bith ris na daoine sin. 8Bha àm ann a bha sibh nur dorchadas, ach a‑nis, bhon a tha sibh a' creidsinn anns an Tighearna, tha sibh nur solas. Mar sin, caithibh ur beatha mar dhaoine a tha beò anns an t‑solas, 9oir 's ann mar thoradh air an t‑solas a gheibh sibh gach nì a tha math agus ceart agus fìor. 10Feuchaibh ri eòlas fhaighinn air an rud a bheir toileachadh dhan Tighearna. 11Na gabhaibh gnothach ris na rudan gun tairbhe a nì daoine a bhuineas dhan dorchadas, ach thoiribh a‑mach iad a dh'ionnsaigh an t‑solais. 12(Tha e nàrach fiù a bhith a' bruidhinn air na rudan a nì daoine far nach tèid am faicinn.) 13Nuair a thèid rudan a thoirt a‑mach dhan t‑solas, tha am fìor ghnè air a shoilleireachadh, 14's tha gach nì a thèid a shoilleireachadh a' dol na sholas e fhèin. 'S ann air sàillibh sin a tha an rann ag ràdh:
Dùisg, a dhuine a tha nad chadal,
agus èirich bho na mairbh,
agus deàrrsaidh solas Chrìosd ort.
15Mar sin, bithibh faiceallach mun dòigh anns an caith sibh ur beatha, chan ann mar dhaoine gun tùr, ach mar dhaoine glice. 16#Col 4.5Cuiribh gach uair gu deagh bhuil, oir tha sibh beò ann an làithean ole. 17Air sgàth sin, na bithibh beò mar amadain, ach bithibh a' sireadh tuigse air na tha an Tighearna a' rùnachadh dhuibh. 18Na gabhaibh an daorach le bhith ag òl deoch-làidir#5.18: Tha a' Ghreugais ag ràdh fìon. — rud a chuireas as do bheatha rianail — ach bithibh air ur lìonadh le Spiorad Dhè. 19#Col 3.16-17Bruidhnibh ri càch-a‑chèile a' cleachdadh fhaclan bho na sailm, bho laoidhean 's bho dhàin spioradail, a' seinn 's a' toirt moladh dhan Tighearna le ur n‑uile chridhe. 20Bithibh daonnan a' toirt taing airson gach nì do Dhia an t‑Athair ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, 21agus bithibh umhail dha chèile a chionns gu bheil urram agaibh do Chrìosd.
Fir is mnathan
22 # Col 3.18; 1 Pead 3.1 A mhnathan, bithibh umhail dha na fir agaibh, dìreach mar a tha sibh a' toirt ùmhlachd dhan Tighearna. 23Oir tha ceannas aig an fhear thairis air a bhean mar a tha Crìosd na cheann air an eaglais, agus 's i an eaglais a chorp fhèin air a bheil e na Shlànaighear. 24Agus tha còir aig na mnathan a bhith umhail dha na fir aca sa h‑uile nì, san aon dòigh sa bheil an eaglais a' toirt ùmhlachd do Chrìosd.
25 # Col 3.19; 1 Pead 3.7 Fheara, gràdhaichibh ur mnathan mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, 's a thug e a bheatha fhèin thairis air a sgàth. 26Rinn e seo gus a coisrigeadh do Dhia le fhacal, 's i air a glanadh le bhith ga nighe ann an uisge. 27Bha e cuideachd fainear dha gun toireadh e thairis an eaglais dha fhèin 's i na làn mhaise, gun aon smal no roc oirre, no easbhaidh sam bith dhen t‑seòrsa sin — 's ann a tha i ri bhith naomh gun lochd. 28San aon dòigh, bu chòir dha na fir am mnathan a ghràdh-achadh mar an cuirp fhèin. Tha am fear a tha a' gràdhachadh a bhean ga ghràdhachadh fhèin. 29Oir chan eil gràin aig duine sam bith air a chorp fhèin; 's ann a tha e ga bheathachadh agus a' gabhail cùram dheth, dìreach mar a tha Crìosd a' dèanamh ris an eaglais; 30agus tha sinne nar buill de chorp Chrìosd. 31#Gen 2.24“'S ann air sgàth sin a dh'fhàgas fear athair agus a mhàthair, 's a bhios e air aonadh ri a bhean, agus bidh an dithis aca nan aon chorp.” 32Tha diamhaireachd mhòr ann an sin, ach tha mi a' bruidhinn mu Chrìosd agus mun eaglais. 33Air ur son-sa, feum-aidh a h‑uile fear-pòsda nur measg a bhean a ghràdhachadh mar a tha e ga ghràdhachadh fhèin, agus feumaidh gach bean urram a thoirt dha fear.

Selectat acum:

Ephèsianaich 5: GLD

Evidențiere

Partajează

Copiază

None

Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te