Logótipo YouVersion
Ícone de pesquisa

Sailm Dhaibhidh 9

9
Salm 9
1Lem uile chridhe bheir mi dhut
àrd-mholadh binn, a Dhè;
Is d'oibrean mìorbhaileach air fad
sìor chuiridh mi an cèill.
2Fòs nì mi annad aoibhneas ait,
is gàirdeachas gu mòr:
Dod ainm-sa seinnidh mise cliù,
O Thì as àirde glòir.
3A‑rìs tràth thillear air an ais
mo naimhdean, thèid gu làr;
Oir tuitidh iad is thèid dhaibh as,
ad fhianais fhèin gun dàil.
4Mo chòir rinn thusa sheasamh dhomh,
gu daingeann is gu treun:
Ad chathair chothroim shuidh thu shuas,
mar bhritheamh ceart am binn.
5Is thug thu air na cinnich smachd,
sgrios thu na daoine daoi:
An ainm do chuir thu as gu glan,
o linn gu linn a‑chaoidh.
6(Air sgrios an nàmh chaidh crìoch am feasd:)
leag thu am bailtean treun';
An iomradh-san 's an cuimhne fòs
do theirig sin leo fhèin.
7Ach mairidh Dia gu bunaiteach;
chuir cathair suas chum breith.
8Bheir air an domhan cothrom ceart,
le còir don t‑sluagh fa leth.
9Mar dhaingneach bithidh Dia nam feart
don tì a tha fo leòn;
An trioblaid, tèarmann dìleas e,
ri faicinn neach fo bhròn.
10Gach neach ga bheil air d'ainm-sa fios
nì dòchas dhìot, is bun;
Oir mheud 's a tha gad iarraidh, Dhè,
cha trèig thu iad gu tur.
11Don Triath don còmhnaidh Sion naomh,
seinnibh-sa cliù gu binn;
Aithrisibh fòs am measg an t‑sluaigh
na gnìomharan a rinn.
12Tràth nì e rannsachadh air fuil,
'n sin cuimhneach orra tha;
Cha leig air dearmad glaodh nam bochd,
a ghairmeas air a‑ghnàth.
13Fòir orm, a Dhè, is amhairc air
mo thrioblaid o luchd m'fhuath';
A Dhè, a tha gam thogail suas
o dhorsan bàis gu luath.
14An dorsan nighean Shioin chaoimh
gun sgaoilinn d'uile chliù:
Is nì mi gàirdeachas air sgàth
na slàinte dheònaich thu.
15Thuit sìos na cinnich anns an t‑sloc
a chladhaich iad do chàch;
Is anns an lìon a dh'fhalaich iad,
tha 'n casan fhèin an sàs.
16Aithnichear Dia sa bhreith a nì,
nuair thuiteas daoi san drip;
Is ann an gnìomh a làmhan fhèin
teann-ghlacar e san rib.
17Tillear luchd-uilc is aingidheachd
gu ifrinn sìos gu lèir;
'S na fineachan nach cuimhnich Dia,
tillear iad sìos le chèil'.
18An t‑ainnis truagh cha tèid am feasd,
air dearmad no air dìth;
Air dòchas fòs an duine bhochd
gu bràth chan fhaicear claoidh.
19A Thighearn, èirich, 's na leig buaidh
le neach don dual am bàs;
Breith thugar air na cinneachan
ad fhianais anns gach càs.
20Cuir eagal orrasan gu mòr,
Iehòbhah Dhia nam feart;
Gun aithnicheadh na slòigh gu lèir
iad fhèin nan daoine meat'.

Atualmente selecionado:

Sailm Dhaibhidh 9: SD1992

Destaque

Partilhar

Copiar

None

Quer salvar os seus destaques em todos os seus dispositivos? Faça o seu registo ou inicie sessão