Sailm 12
12
1Nois fòir, is cuidigh linn a Dhé,
oir deadh-dhuin' ni bhfuil ann,
Na trèbhdhirigh meaſg clann na ndaoin'
ren faghail tá ro ghann.
2Labhridh gach neach ren choimhearſan
an bhréug le miodal béil;
Le croidhe dubailt làn do cheilg
ſior labhridh ſiad le chèil'.
3Gach béul ta làn do ghabhann tlà
dan gnà bhi leam is leat,
An teanga bhruidhneach àrdanach
ſgathar le Dia na mfeart.
4A dubhairt, orra bheir ſinn buaidh
ler dteangaidh fein amach,
Leinn fein ar bèil: cia chean an triath
do chuireas ſinn fa ſmachd.
5Re foireigneadh na ndeòridh truadh,
re oſnaidh dhaoine bochd,
Nois èirgham, (dubhairt Dia:) dan dìon,
o luchd bagridh an lochd.
6Is fìorghlan briathar Dhé gu dearbh:
amhluidh mar airgiod ê
Do lèaghadh is do ghlanadh fòs,
fa ſheachd an ſuacan crè.
7Coimhedigh thus' iad uil', a Dhé
díonigh tu iad do ghnà
On ghinolachs' anois atann,
o ſhoin amach gu bráth.
8Gluaiſidh gach èn taobh luchd a nuilc,
is togbhidh ſiad a ngceann;
An tan do chuirfar ſuas gu hàrd
na daoin' is ſuarigh 'tann.
Markert nå:
Sailm 12: SD1694
Marker
Del
Kopier
Vil du ha høydepunktene lagret på alle enhetene dine? Registrer deg eller logg på
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.