1
Sailm Dhaibhidh 42:11
Sailm Dhaibhidh 1992 (ath-sgrùdaichte le litreachadh ùr)
O m'anam, cuim' a leagadh thu, le dìobhail misnich sìos? Is cuim' a bheil thu 'n taobh staigh dhìom fo aimheal is fo sgìos? Cuir dòchas daingeann ann an Dia: oir molam e a‑ghnàth. O 's e as slàinte do mo ghnùis, is e mo Dhia gu bràth.
ႏွိုင္းယွဥ္
Sailm Dhaibhidh 42:11ရွာေဖြေလ့လာလိုက္ပါ။
2
Sailm Dhaibhidh 42:1-2
Mar thogras fiadh na sruthan uisg' le bùireadh àrd gu geur, Mar sin tha m'anam plosgartaich, ag èigheach riutsa, Dhè. Tha tart air m'anam 'n geall air Dia, 'n geall air an Dia tha beò: O cuin a thig 's a nochdar mi am fianais Dhia na glòir'?
Sailm Dhaibhidh 42:1-2ရွာေဖြေလ့လာလိုက္ပါ။
3
Sailm Dhaibhidh 42:5
O m'anam! cuim' a leagadh thu le dìobhail misnich sìos? Is cuim' a bheil thu 'n taobh staigh dhìom fo thrioblaid is fo sgìos? Cuir dòchas daingeann ann an Dia, oir fhathast molam e, Airson na furtachd is na slàint' thig dhomh o 'aodann rèidh.
Sailm Dhaibhidh 42:5ရွာေဖြေလ့လာလိုက္ပါ။
4
Sailm Dhaibhidh 42:3
Gach là is oidhch' is iad mo dheòir as cuibhreann dhomh 's as biadh: An uair a their iad rium a‑ghnàth, Càit bheil a‑nis do Dhia?
Sailm Dhaibhidh 42:3ရွာေဖြေလ့လာလိုက္ပါ။
5
Sailm Dhaibhidh 42:6
Thuit m'anam annam sìos, a Dhè, ghrad-chuimhnich mi 'n sin ort; O thalamh Iòrdain, Hermoin àird, o Mhitsar fòs nan cnoc.
Sailm Dhaibhidh 42:6ရွာေဖြေလ့လာလိုက္ပါ။
ပင္မစာမ်က္ႏွာ
က်မ္းစာ
အစီအစဥ္
ဗီဒီယို