YouVersion लोगो
सर्च आयकॉन

Genesis 2

2
1 An seachdamh là air a naomhachadh. 8 Gàradh Edein. 17 Craobh eòlais a’ mhaith agus an uilc. 21 Cruthachadh na mnà agus òrdachadh a’ phòsaidh.
1Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.
2Agus chrìochnaich Dia air an#Ecs 20:11; Isa 58:13; Eabh 4:4 t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.
3Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia#2:3 a chruthaich Dia gu dhèanamh. agus a rinn e.
4Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.
5Agus cha robh aon de phreasan na machrach fhathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fhathast aon de lusan na machrach; do bhrìgh nach tug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaothrachadh na talmhainn.
6Ach chaidh ceò suas on talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile.
7Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine#2:7 duslach na talmhainn. de#Gen 3:19; Salm 103:14; Isa 64:8; 1 Cor 15:47 dhuslach na talmhainn: agus shèid#Iob 33:4 e ann an#Isa 2:22 cuinneinean a shròine anail na beatha#1 Cor 15:45; agus dh’fhàs an duine na anam beò.
8Agus#Esec 31:8, 9 shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.
9Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh#Gen 3:23; Gnà 3:18; Tais 2:7; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh#Lebh 4:17, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.
10Agus chaidh abhainn a‑mach à Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàrraidh; agus as a sin roinneadh i, agus dh’fhàs i na ceithir cinn.
11Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh#Gen 25:18 tìr Habhilah uile, far a bheil òr.
12Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics.
13Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis#2:13 Etiopia. uile.
14Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel#Daniel 10:4: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.
15Agus ghabh an Tighearna Dia#2:15 Adhamh. an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.
16Agus dh’àithn an Tighearna Dia don duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh anns a’ ghàrradh#2:16 ag itheadh ithidh sibh. faodaidh tu ithe gu saor:
17Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc#Gen 3:1, 3, 11, 17; Ròm 6:23; 1 Cor 15:56, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu#2:17 a’ bàsachadh gheibh thu bàs..
18Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar#1 Cor 11:9; 1 Tim 2:13: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin.
19Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus#Salm 8:6 thug e iad a‑chum Adhaimh#2:19 an duine., a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.
20Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin.
21Agus thug an Tighearna Dia air#Gen 15:12 cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite;
22Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus#Gnà 18:22 thug e i a‑chum an duine.
23Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh#Eph 5:30 dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil‐sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.
24Air an adhbhar sin#Marc 10:7 fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.
25Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra.

सध्या निवडलेले:

Genesis 2: ABIG

ठळक

सामायिक करा

कॉपी करा

None

तुमचे हायलाइट तुमच्या सर्व डिव्हाइसेसवर सेव्ह करायचे आहेत? साइन अप किंवा साइन इन