Genesis 12
12
1 Gealladh Dhè do Abram a‑thaobh Chrìosd. 4 Dh’imich Abram maille ra mhnaoi agus ri Lot do Chanàan; ach a chionn gun robh gorta mhòr anns an tìr sin, chaidh e sìos don Èiphit. 14 Thug Phàraoh rìgh na h‑Èiphit Sàrai uaith; ach an uair a thuig e gum bi a bhean i, leig e air falbh iad le chèile.
1Agus thubhairt an Tighearna ri Abram#Gen 11:31; 15:7; Neh 9:7; Isa 41:2; Gnìo 7:3; Eabh 11:8, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut.
2Agus nì mi thu ad chinneach mòr#Gen 17:6; 24:35, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh#Gen 18:18; 28:4.
3Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu#Àir 24:9, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn#Salm 72:17; Gnìo 3:25; Gal 3:8.
4Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig‐bliadhna‑deug agus trì‐fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
5Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain#Eabh 11:8; agus thàinig iad do thìr Chanàain.
6Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr#Gen 10:18, 19.
7Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin#Gen 17:1; 18:1 do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd‐sa bheir mise am fearann seo#Gen 13:15; 17:8; 26:3; 28:13; Salm 105:9‐11; Ròm 9:8; Gal 3:16; 4:28: agus thog e an sin altair don Tighearna#Gen 13:4, 18; 26:5; 33:20, a dh’fhoillsicheadh dha.
8Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai#12:8 Ai, Ios 7:2. air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.
9Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas.
10Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Èiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.
11Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Èiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort:
12Uime sin, nuair a chì na h‑Èiphitich thu, their iad, Seo a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beò.
13Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar#Gen 20:2; 26:7, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth‐sa; agus bidh m’anam beò air do shon‐sa.
14Agus nuair a thàinig Abram don Èiphit, chunnaic na h‑Èiphitich a’ bhean, gu robh i ro‑mhaiseach.
15Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh#Mat 5:28: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh#Salm 105:14; Gnà 6:29; Eabh 13:4.
16Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth‐se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.
17Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim.
18Agus ghairm Phàraoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod e seo a rinn thu orm#Gen 20:10; 26:10; Ecs 32:21? Carson nach d’innis thu dhomh gum b’i seo do bhean?
19Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd.
20Agus thug Phàraoh àithne da dhaoine ma thimcheall: agus chuir iad air falbh e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige.
सध्या निवडलेले:
Genesis 12: ABIG
ठळक
सामायिक करा
कॉपी करा
तुमचे हायलाइट तुमच्या सर्व डिव्हाइसेसवर सेव्ह करायचे आहेत? साइन अप किंवा साइन इन
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017