YouVersion लोगो
सर्च आयकॉन

Mata 20

20
Cosamhlachd an Luchd‑Obrach san Fhìon‑Lios
1“Oir tha rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe a chaidh a‑mach tràth sa mhadainn airson luchd‑obrach fhastadh dhan fhìon‑lios aige. 2Agus às dèidh dha denarius#20:2 an tuarastal‑làitheil àbhaisteach. san latha aontachadh leis an luchd‑obrach, chuir e dha fhìon‑lios iad.
3“Agus a' dol a‑mach mu naoi uairean sa mhadainn#20:3 mun treas uair chunnaic e feadhainn eile nan seasamh dìomhain san ionad‑mhargaidh. 4Agus riuthasan thuirt e, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios agus ge b' e a bhios ceart bheir mi dhuibh e.’ 5Mar sin dh'fhalbh iad.
“A' dol a‑mach a‑rithist mu mheadhan‑latha#20:5 mun t‑siathamh uair agus mu thrì uairean feasgar#20:5 mun naoidheamh uair, rinn e an aon rud. 6Agus mu chòig uairean feasgar#20:6 mun aonamh uair deug, chaidh e a‑mach agus lorg e feadhainn eile nan seasamh. Agus thuirt e riutha, ‘Carson a tha sibh nur seasamh an seo fad an latha gu dìomhain?’
7“Thuirt iadsan ris, ‘A chionn 's nach do rinn duine sam bith fastadh oirnn.’
“Thuirt esan riutha, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios.’
8“Agus nuair a thàinig am feasgar, thuirt maighstir an fhìon‑lios ris an stiùbhard aige, ‘Gairm an luchd‑obrach, agus pàigh dhaibh an tuarastal, a' tòiseachadh leis an fheadhainn mu dheireadh gus a' chiad fheadhainn.’
9“Agus nuair a thàinig an fheadhainn a chaidh fhastadh mu chòig uairean feasgar#20:9 muinntir na h‑aonamh uair deug, fhuair gach fear dhiubh denarius. 10Ach nuair a thàinig a' chiad fheadhainn, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhotha, ach fhuair gach aon dhiubh denarius cuideachd. 11Ach nuair a fhuair iad e, rinn iad gearan an aghaidh a' mhaighstir‑taighe, 12ag ràdh, ‘An fheadhainn mu dheireadh seo, dh'obraich iad aon uair a thìde, agus rinn thusa iad co‑ionann rinne a ghiùlain eallach an latha agus an teas loisgeach.’
13“Ach fhreagair e aon dhiubh ag ràdh, ‘A charaid, chan eil mi a' dèanamh eucoir ort. Nach do rinn thu aonta leum airson denarius? 14Tog na tha leat fhèin agus thalla. Is i mo thoil‑sa gun toirinn dhan fhear seo a thàinig mu dheireadh mar a thug mi dhutsa. 15Nach eil e ceadaichte dhòmhsa dèanamh lem chuid fhèin mar as miann leam? No a bheil do shùil‑sa farmadach a chionn 's gu bheil mise fialaidh?’
16“Mar sin bidh iadsan a th' air dheireadh air thoiseach, agus iadsan a th' air thoiseach air dheireadh.”
Ìosa a' Dèanamh Ro‑Innse ma Bhàs Fhèin an Treas Uair
17Agus fhad 's a bha Ìosa a' dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciobal dheug gu aon taobh, agus air an t‑slighe thuirt e riutha, 18“Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e 19agus bheir iad thairis dha na Cinnich e airson magadh air, a sgiùrsadh agus a cheusadh. Agus air an treas latha bidh e air a thogail suas!”
Iarrtas Màthar
20An uair sin thàinig màthair clann Shebede thuige còmhla ri a mic, agus a' dèanamh ùmhlachd ma choinneamh dh'iarr i rudeigin uaithe.
21Agus thuirt e rithe, “Dè a tha thu ag iarraidh?”
Thuirt i ris, “Can gun suidh an dithis mhac seo agamsa, aon air do làimh dheis agus aon air do làimh chlì, nad rìoghachd.”
22Ach fhreagair Ìosa, “Chan eil fhios agaibh dè a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air an cupa òl a dh'òlas mise?”
Thuirt iadsan ris, “Tha sinn an comas.”
23Thuirt esan riutha, “Òlaidh sibh mo chupa‑sa, ach a bhith a' suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin airson a bhuileachadh, ach tha sin dhaibhsan dham bheil e air ullachadh lem Athair.”
24Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean.
25Ach ghairm Ìosa thuige iad, agus thuirt e, “Is aithne dhuibh gu bheil àrd‑thighearnas aig riaghladairean nan Cinneach thairis orra, agus gu bheil na daoine mòra aca a' cur ùghdarras an gnìomh thairis orra.
26“Cha bhi e mar sin nur measg‑se. Ach ge b' e cò lem bu toigh l' a bhith mòr nur measg‑se, biodh e na sheirbheiseach agaibh, 27agus ge b' e cò agaibh lem bu toigh l' a bhith air thoiseach, biodh e na sheirbheiseach dhuibh, 28dìreach san dòigh anns nach tàinig Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòran.”
Dithis Dhall a' Faighinn Fradhairc
29Agus fhad 's a bha iad a' fàgail Iericho, lean sluagh mòr e. 30Agus, seall, bha dithis dhaoine a bha dall nan suidhe ri taobh an rathaid, agus nuair a chuala iad gu robh Ìosa a' dol seachad dh'èigh iad, “Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.”
31Chronaich an sluagh iad, ag ràdh riutha a bhith sàmhach, ach b' ann na bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.”
32Stad Ìosa agus dh'èigh e orra is thuirt e, “Dè a bu toigh leibh a dhèanainn‑sa dhuibh?”
33Thuirt iadsan ris, “A Thighearna, ar sùilean a bhith air am fosgladh.”
34Ghabh Ìosa truas riutha, agus bhean e dha na sùilean aca, agus sa bhad fhuair iad am fradharc air ais, agus lean iad e.

सध्या निवडलेले:

Mata 20: ATN

ठळक

सामायिक करा

कॉपी करा

None

तुमचे हायलाइट तुमच्या सर्व डिव्हाइसेसवर सेव्ह करायचे आहेत? साइन अप किंवा साइन इन