Sailm Dhaibhidh 11
11
Salm 11
1Mo dhòchas chuir mi ann an Dia;
ciod uime 'n abradh sibh
Rim anam, chum mo chur air gheilt,
Teich as mar eun gud shliabh?
2Feuch chuir na h‑aingidh bogh air lagh,
air sreing an saighead ghleus,
Thilgeadh san dòrch' an tì tha ceart
na chridhe fòs 's na bheus.
3Ma thèid na bunaitean air dhìth,
ciod nì an duine còir?
4Tha Dia na theampall naomh, air nèamh,
tha chathair làn de ghlòir:
Is lèir da shùilean-san gach dùil
san domhan mhòr a tha:
Le 'rosgan clann nan daoin' air fad
rannsaichidh e a‑ghnàth.
5Rannsaichidh Dia na fìreanaich;
ach luchd na h‑aingidheachd
Is fuath le 'anam, is gach neach
thug spèis do ragaireachd.
6Air daoine droch-mhuint' dòirtidh Dia
nuas ribeachan gun dìth;
Is teine, pronnasg, 's doineann gharbh,
cuibhreann an cup' do nì.
7Oir Dia tha cothromach is ceart,
is ionmhainn leis a' chòir:
Ag amharc air na fìreanan
le deagh ghnùis làn de ghlòir.
सध्या निवडलेले:
Sailm Dhaibhidh 11: SD1992
ठळक
सामायिक करा
कॉपी करा
तुमचे हायलाइट तुमच्या सर्व डिव्हाइसेसवर सेव्ह करायचे आहेत? साइन अप किंवा साइन इन
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.