Sailm Dhaibhidh 2

2
Salm 2
1Carson a ghabh na cinnich boil,
's na slòigh le chèile cruinn,
A' smaoineachadh beairt dhìomhanaich,
nach faodar chur an suim?
2Rìghrean na talmhainn dh'èirich suas,
's na h‑uachdarain gu lèir:
'N aghaidh Iehòbhah chruinnich iad;
's 'n aghaidh aon ungte Dhè.
3Nis briseamaid an cuibhreach dhinn,
(siud thubhairt iad air fad,)
Na boinn a b'àill leo iadhadh oirnn,
dhinn tilgeamaid gu grad.
4An Tì air nèamh na shuidhe tha,
nì esan gàire riu;
Is mar chùis-mhagaidh bithidh iad
do Thighearn àrd nan dùl.
5'N sin labhraidh e am briathran borb
na chorraich riu gu garg;
Is cuiridh e gu cabhaig iad,
le lasan is le feirg.
6Gidheadh do dh'ungadh leam mo Rìgh
gu fìor air Sion caomh;
Is chuir mi e na uachdaran
suas air mo thulaich naoimh.
7Cuiridh mi 'n cèill an t‑òrdagh ud;
thubhairt Iehòbhah rium,
Is tu mo mhac-sa; 's ann an‑diugh
a ghineadh thusa leam.
8Iarr orm, 's mar oighreachd bheir mi dhut
na fineachan gu lèir;
'S mar sheilbh ro‑dhìleas bheir mi dhut
fad iomall crìoch gach tìr.
9Nìthear le slait den iarann chruaidh
gu luath am briseadh leat;
Nam bloighdean beaga pronnar iad,
mar phota crè led neart.
10O rìghrean, uime sin, a‑nis,
gabhaibh-se ciall gu lèir;
A bhritheamhan na talmhainn fòs,
grad-fhòghlamaibh deagh bheus.
11Don Tighearna Iehòbhah mòr
adhraibh-se sìos gu ceart,
Le eagal dèanaibh seirbhis mhath
do Thighearna nam feart,
'S le ball-chrith dèanaibh gàirdeachas.
12Don mhac grad-thugaibh pòg,
Air eagal gun las fhearg-san ribh
gur milleadh anns an ròd,
An uair a bhitheas corraich air
a' lasadh ach gu beag.
Is beannaicht' iad, gach uile neach,
an dòchas air a leag.

Одоогоор Сонгогдсон:

Sailm Dhaibhidh 2: SD1992

Тодруулга

Хуваалцах

Хувилах

None

Тодруулсан зүйлсээ бүх төхөөрөмждөө хадгалмаар байна уу? Бүртгүүлэх эсвэл нэвтэрнэ үү