Лого на YouVersion
Икона за пребарување

Sailm 9

9
1Le muile chroidhe bheiram dhuit,
ard-mholadh binn, a Dhé;
Is toibridh mirbhuileach ar fad
do innſam iad gu ré.
2Do dhèanam ionnad aoibhnas ait,
is gáirdeachas gu mór:
Do tainmſe ſinnam moladh binn,
O ríogh is áirde gloir.
3Arís tra fhillfear ar an ais,
mo naimhde, théid gu lár;
Oir tuitidh ſiad is thèid dhoibh as,
a tfiaghnais féin gun dáil.
4Mo chóir do rinn tu ſheaſamh dhamh
gu daingean is gu trèun:
Ad chathair chomhthrom ſhuigh tu ſuas
mar bhreithamh ceart a mbein.
5Do rinn tu ar na cinnaibh ſmachd,
do ſgrios na daoine daoi:
A nainm do chur tu as gu glan,
o linn gu linn a choidhch'.
6O námh, chuaidh críoch ar ſgrios a mfeaſd:
leag thuſa bailte tréun,
An iomradhſan 'ſan gcuimhne fos
do theirig ſin leo féin.
7Acht mairfidh Dia gu bunailteach:
chuir cathair ſuas chum breith.
8Bheir ar an domhan comhthrom ceart,
le cóir don tſluagh fa leth.
9Mar dhaingneach bithidh Dia na mfeart
don tí ata fo leon:
An triobloid tearmunn díleas è
re faicſin neach fuidh bhròn.
10Gach neach ga bhfuil ar tainmſe fios,
ni dòchas dìot, is bun:
Oir mèud 'ſatà gad iarraidh, Dhè,
nior thrèig tu iad gu tur.
11Don Triath, ta gáiteach ſliabh ſhioin
ſinn moladh dhó gu binn:
Airiſaibh fos ameaſg an tſluaigh
na gníomhartha do rinn.
12Tra nì ſe rannſachadh ar fuil,
'nſin cuimhneach orra tá;
Cho leig ar dearmad glaodh na mbochd
A ghairmas air do ghná.
13Fóir orm, a Dhé, is amhairc ar
mo thriobloid O luchd mfhuath,
A Dhé ata gam thogbhail ſuas
O dhoirſaibh bàis gu luath.
14An doirſaibh Inghean Shioin chaoimh
gu bhfoillſig hinn tuile chliù:
Do dhèanam gàirdeachas ar ſgá
na ſlaint' do dheónigh tù.
15Thuit ſios na cinnigh ann ſan dìg
do thochail ſiad do chách:
Is ann ſan lion a dhfoluigh ſiad,
ta ngcoſa fein an ſàs.
16Aithnighear Dia ſan bhreith do ni,
tra thuitas daoi ſan drip;
Is ann a ngnìomh a làimhe fein
teannghlacar è ſan rib.
17Pillfar luchd uilc is aingidhachd
gu hifrionn ſìos gu léir;
'Sna fineachan nach cuimhnigh Dia,
pillfar iad ſìos le chèil'.
18An tainnis truadh cho dtèid è 'bhfeaſd
ar dearmad no ar dì:
Air dochas fos an duine bhochd
gu brath ni fhaicear claoi.
19A Thighearn', èirigh, 's na leig buaidh
le neach dan dual a mbás;
Breith tugar ar na cinneachaibh
a tfiaghnais annſ' gach cás.
20Cuir eagal orraſan gu mòr,
Jehobha Dhia na mfeart,
Gu naithnigheadh na Geintiligh
iad fein na ndaoine meat.

Селектирано:

Sailm 9: SD1694

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се