Лого на YouVersion
Икона за пребарување

Sailm 27

27
1Se Dia mo ſholus, is mo ſhláint',
cia chuireas eagal orm?
Sé neart mo bheatha Dia na ndùl,
cia chuirios faitchios fùm?
2Mo naimhde, meaſcairde luchd uilc,
tra thánig orm gu bras,
Gu gionach dithe mfeola ſuas;
fuair tuiſleadh, thuit gu cas.
3Sluagh námhad ge do théiſdeadh me,
ni heagal le mo chroidh':
Da néirgheadh cogadh 'maghaidh fos,
as ſo mo bhun do ni.
4Aon ni do mhiannuigh me o Dhia,
gu minic iarram è:
Do bheith am chomhnuidh feadh mo lá
an tigh 'ſan aros Dè;
Do chum gu bhfaicinn fein gu glan
maiſe Jehobha mhòir,
Gu bhfioſruighinn 'ſgu bhfuighinn ſgéul,
na theampull mar is còir.
5Oir ni ſe mfolach 'nam na hairc
na phubul: dìon do nì
An diomhaireachd a phailuinn damh,
ar charraig ſocrionn mi.
6Os cionn mo naimhde ta fam chuairt
nois togbhar ſuas mo cheann:
Glan ìobairt aoibhnais uime ſin
ga phubul bheirthar leam:
Is ſinnidh me gu togarach,
ſeadh, canfam fos gu binn
Ceol àgus moladh àrd do Dhia
ar feadh mo rè ſmo linn.
7Le guth mo bhéil tra éigham riot,
tab hair èiſteachd dhamh, a Dhé:
Le iochd déun tròcair' orm is fòir,
gu gráſmhur freagair me.
8Iarr m'aghaidh, nuair a dubhrais riom,
a dubhairt manam leat,
Taghaidh, agus do ghnùis, a Dhé,
ſin iarram fein gu hait.
9Na folaigh uam do ghnúis, a mfeirg
na dìbair tóglach fein:
'Stu chuidigh leam, a Dhé mo ſhláint',
na fágſa me 'ſna tréig.
10Tra thréigas m'athair me gu tur,
'ſmo mháthair fos faraon,
Do ni an Tighearn' ann an ſin
mo thogbhail ſuas gu caoin.
11Dhia, teagaiſg dhamh do ſhlighe fein:
is treoruigh mis a Dhé,
Fa chúis mo naimhde mìrunach,
ar caſan dìreach rédh.
12Do mhìrun meaſcairdeadh ro gheur
na tabhair thairis damh:
Oir d'éirigh riom luchd fiaghnuis bhréig
is dream a bhrúcas nimh.
13Rachadh mo mheiſneach uil' ar gcúl,
mun' gcreidfinn maithas Dé,
Gu bhfaicfinn ſin a dtìr na mbeo
dom fhuaſgladh ann am fhém.
14Fuirigh gu foighidneach re Dia,
glac chugad meiſneach mhòr,
Is bheir ſe ſpionnadh croidhe dhuit:
fuirigh re Dia na glòir'.

Селектирано:

Sailm 27: SD1694

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се