Genesis 13
13
1Agus chaidh Abram suas as an Eiphit, e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas.
2Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr.
3Agus dh’imich e air a thurasan on taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu ruig an t‑à it anns an robh a bhùth an toiseach, eadar Betel agus Hai;
4Gu à ite na h‑altarach a rinn e an sin air tùs: agus ghairm Abram an sin air ainm an Tighearna.
5Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dh’imich maille ri Abram, caoraich, agus crodh, agus bùthan.
6Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.
7Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canà anach agus am Peridseach anns an à m sin a chòmhnaidh anns an tìr.
8Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean-sa agus do bhuachaillean-sa; oir is brà ithrean sinn.
9Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na là imhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na là imhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na là imhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na là imhe clìthe.
10Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghà rradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.
11Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don à ird an ear: agus dhealaich na cà irdean ri chèile.
12Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanà ain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.
13Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.
14Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on à it anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an à ird an ear, agus an iar:
15Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu brà th.
16Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn à ireamh, an sin gun à irmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
17Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e.
18Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thà inig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.
Currently Selected:
Genesis 13: ABG1992
Tya elembo
Kabola
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fln.png&w=128&q=75)
Olingi kobomba makomi na yo wapi otye elembo na baapareyi na yo nyonso? Kota to mpe Komisa nkombo
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017