Laoidhean 5
5
LAOIDH 5
Iob 5.6-12
1Amhghar o'n duslach ged nach dùisg,
o'n ùir ged nach tig bròn;
Gidheadh is lìonmhor iad na h‑uilc
th'air mac an duine 'n tòir.
2Amhluidh mar dh'éireas srada suas
gu luath air lorg a chéil';
Mar sin tha 'n duine air a bhreth
gu bròn is cùradh geur.
3Ach earbam‑sa ri Dia mo chùis,
is deanam m'urnuigh ris;
Riaghladh an domhain tha 'na làimh,
gu 'làthair teichidh mis'.
4Tha 'oibre lìonmhor agus mòr,
cò chuireas iad an céill?
An t‑anam brònach ni e ait,
'S an t‑anam lag ni treun.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Laoidhean 5: LSN1987
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017