Genesis 14
14
1Agus thàrladh ann an làithean Amrapheil rìgh Shinair, Arioich rìgh Elasair, Chedorlaòmeir rìgh Elaim, agus Thidail rìgh nan cinneach;
2Gun do rinn iad sin cogadh ri Bera rìgh Shòdoim, agus ri Birsa rìgh Ghomorrah, Sinab rìgh Admah, agus Semeber rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela, eadhon Shòair.
3Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn.
4Dà‑bhliadhna-dheug rinn iad seirbhis do Chedorlaòmer, agus anns an treas-bliadhna-deug rinn iad ceannairc.
5Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh Ciriataim,
6Agus na Horich nan sliabh Seir, gu ruig El‑paran, a tha làimh ris an fhàsach.
7Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar.
8Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach, agus rìgh Ghomorrah, agus rìgh Admah, agus rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela (eadhon Shòair); agus chuir iad cath riu ann an gleann Shidim:
9Ri Cedorlaòmer rìgh Elaim, agus ri Tidal rìgh nan cinneach, agus ri Amraphel rìgh Shinair, agus ri Arioch rìgh Elasair; ceithir rìghrean ri còig.
10Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.
11Agus thug iad leo uile mhaoin Shòdoim agus Ghomorrah, agus am biadh uile, agus dh’imich iad.
12Agus thug iad leo Lot, mac bràthair Abraim, a bha a chòmhnaidh ann an Sòdom, agus a mhaoin, agus dh’imich iad.
13Agus thàinig aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t‑Eabhraidheach, a bha a chòmhnaidh ann an còmhnard Mhamre an t‑Amorach, bràthair Escoil, agus bràthair Aneir: agus bha iad sin ann an co‑bhainn ri Abram.
14Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd-deug, agus lean e iad gu Dan.
15Agus roinn e e fhèin nan aghaidh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad gu Hobah, a tha air an làimh chlì de Dhamascas.
16Agus thug e air ais a’ mhaoin uile, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin, agus mar an ceudna na mnathan, agus an sluagh.
17Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach na choinneamh, an dèidh dha tilleadh o mharbhadh Chedorlaòmeir agus nan rìgh a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an rìgh.
18Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde.
19Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn:
20Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.
21Agus thubhairt rìgh Shòdoim ri Abram, Thoir dhòmhsa na daoine, agus gabh a’ mhaoin dhut fhèin.
22Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,
23Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:
24Saor a‑mhàin o na dh’ith na h‑òganaich, agus o chuibhreann nan daoine a chaidh maille rium, Aner, Escol, agus Mamre; gabhadh iadsan an cuibhreann.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Genesis 14: ABG1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017