Sailm Dhaibhidh 36

36
Salm 36
1Deir easaontas an droch-dhuin' seo
na chridhe staigh 's na chliabh;
Fìor-eagal Dhè am beachd a shùl
chan eil, is cha robh riamh.
2Oir nì e brionnal baoth ris fhèin
a rèir mar thaitneas ris;
A chionta gus am foillsichear
mar adhbhar fuath da sgrios.
3Fìor-chluaintearachd is eucoir mhòr,
siud cainnt a bheòil gu tric:
Is sguir e fòs o dhèanamh maith,
is leig e dheth bhith glic.
4Aimhleas na leabaidh tha e dealbh';
san t‑slighe nach eil ceart
Shuidhich is shocraich e e fhèin;
chan oillteil leis droch bheairt.
5Do thròcair tha sna nèamhan shuas,
a Thighearn is a Dhè:
Gu ruig na neòil, is àird nan speur,
làn ruigidh d'fhìrinn rèidh.
6Do cheartas mar na slèibhtean àrd',
do bhreith mar dhoimhneachd mhòir;
Air duine 's ainmhidh nì thu, Dhè,
deagh-choimhead agus fòir.
7O Dhia! is prìseil urramach
do choibhneas gràdhach caoin;
Fo sgàil do sgèith nì uime sin,
làn dòchas clann nan daoin'.
8Le saill do theach is d'àrois phailt
sàsaichear iad gu mòr;
A d'abhainn làn de shòlasan
deoch bheir thu dhaibh ra h‑òl.
9Tobar na beatha tha gu dearbh
agadsa, Dhia nan dùl;
Is ann ad sholas dealrach glan,
chì sinne solas iùil.
10Maireadh do choibhneas gràidh, a Dhè,
don dream chuir eòlas ort:
Is buanaich d'fhìreantachd faraon
do luchd a' chridhe cheirt.
11Na leig do chois an àrdain bhuirb
am aghaidh teachd, a Dhè:
Is làmh an droch dhuin' aingidh fòs
gu bràth na gluaiseadh mi.
12An sin do thuit luchd-dèanamh uilc,
is leagadh iad a sìos;
Aig dìobhail lùith chan fhaodar leo,
gun èirich iad a‑nìos.

ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:

Sailm Dhaibhidh 36: SD1992

Highlight

ಶೇರ್

ಕಾಪಿ

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in