Sailm Dhaibhidh 21

21
Salm 21
1Am meud do neirt-sa, Dhè nan dùl,
bidh aoibhneas air an Rìgh:
Is ann ad shlàinte thròcairich
sòlas cia mòr do nì?
2Làn mhiann is rùn a chridhe fhèin
thug thusa dha gu seth:
Aon athchuinge a dh'iarr a bheul
cha d'rinn thu air a cleith.
3Oir beannachadh do mhaitheis mhòir
sin thug thu dha gu moch:
Is chuir thu coron àrd ma cheann,
den òr as deirge dreach.
4Do dh'iarr e ortsa beatha bhuan,
sin thug thu dha gu fìor:
Is thug thu sìneadh saoghail dha,
a‑chum bhith beò gu sìor.
5A‑thaobh na slàinte thug thu dha,
is mòr a ghlòir gach àm;
Àrd-urram agus mòralachd
chuir thusa air a cheann.
6Oir rinneadh leat ro‑bheannaicht' e
air feadh gach rè gu beachd;
Is rinn thu e làn-aoibhneach fòs
led ghnùis an tròcaireachd.
7Oir ann an Dia Iehòbhah mòr
earbaidh an rìgh a‑ghnàth:
Tre thròcair fòs an Tì as àird',
cha ghluaisear e gu bràth.
8Aimsidh do ghlac air d'uile nàmh:
air d'eascar do làmh dheas.
9Mar àmhainn theinntich nì thu iad,
an aimsir d'fheirg' gan sgrios:
Na chorraich mhòr nì Dia gu fìor,
an slugadh sìos air fad.
Is nìthear orra milleadh fòs
le teine mòr gu grad.
10An toradh sgriosaidh tu on tìr,
's an sìol o dhaoine as.
11Oir rinn iad feall ad aghaidh: 's dhealbh
dòbheairt nach d'fhaod' cur leis:
12Bheir thusa orra, uime sin,
gun tionndaidh iad an cùl,
Oir saighdean geur do bhogh' air sreing
rin aghaidh gleusaidh tu.
13Àrdaich thu fhèin, ad chumhachdan,
a Thighearna nam feart:
Mar sin sìor chanaidh sinn do chliù,
is molaidh sinn do neart.

ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:

Sailm Dhaibhidh 21: SD1992

Highlight

ಶೇರ್

ಕಾಪಿ

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in