Sailm Dhaibhidh 12
12
Salm 12
1Nis fòir, is cuidich leam, a Dhè,
's gun deagh dhuin' idir ann:
Na treibhdhirich measg chloinn nan daoin'
rim faghail tha ro‑ghann.
2Labhraidh gach neach ra choimhearsnach
a' bhreug le miodal bèil;
Le cridhe dùbailt' làn de cheilg,
sìor labhraidh iad ri chèil'.
3Gach beul tha làn de ghabhann tlàth,
don gnàth bhith leam is leat;
An teanga bhruidhneach àrdanach
sgathar le Dia nam feart;
4A thubhairt, Orra bheir sinn buaidh
ler teangaidh fhèin a‑mach;
'S leinn fhèin ar beul: cò e an Triath
a chuireas sinn fo smachd?
5Ri sàrachadh nan deòradh truagh',
ri osnaich dhaoine bochd,
Nis èiridh mi, ars' Dia, gan dìon,
on dream tha bagradh lochd.
6Is fìorghlan facal Dhè gu dearbh;
amhlaidh mar airgead e,
A leaghadh is a ghlanadh fòs
seachd cuairt an suacan crè.
7Coimhididh tus' iad uile, Dhè,
dìonaidh tu iad a‑ghnàth.
On ghinealach seo nis a th'ann,
's o sin a‑mach gu bràth.
8Gluaisidh gach aon taobh luchd an uilc,
is togaidh iad an ceann;
An t‑àm san cuirear suas gu h‑àrd
na daoin' as suaraich' th'ann.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 12: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.