1
Sailm Dhaibhidh 31:24
Sailm Dhaibhidh 1992 (ath-sgrùdaichte le litreachadh ùr)
Sibhse a chuir an Dia nan gràs ur dòchas mar as còir, Bibh misneachail, is cuiridh e neart ann ur crìdh' is treòir.
Compare
Explore Sailm Dhaibhidh 31:24
2
Sailm Dhaibhidh 31:15
Tha m'aimsirean ad làimh-sa, Dhè; orm furtaich agus fòir O làimh mo naimhdean, is on dream tha leantainn orm an tòir.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:15
3
Sailm Dhaibhidh 31:19
Cia mheud de mhaith a thaisg thu dhaibh, don eagal thu faraon; 'S a rinn thu do na dh'earbas riut, am fianais chloinn nan daoin'!
Explore Sailm Dhaibhidh 31:19
4
Sailm Dhaibhidh 31:14
Ach dhìotsa, Dhè, rinn mise bun; is tu mo Dhia, deir mis'.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:14
5
Sailm Dhaibhidh 31:3
Oir 's tu as carraig dhìleas dhomh 's mo dhaingneach làidir treun, Is uime sin, sgàth d'ainme, Dhè, treòraich, is stiùir mo cheum.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:3
6
Sailm Dhaibhidh 31:5
Ad làimh-sa mhàin, a Dhia nan dùl, mo spiorad tiomnam suas: A Dhia na fìrinn, is mo Thriath, 's tu dh'fhuasgail air mo chruas.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:5
7
Sailm Dhaibhidh 31:23
Gràdhaichibh Dia, O naoimh, air fad: oir Dia don treibhdhireach Do nì sàr-dhìon, is dìol gu pailt don uaibhreach àilgheasach.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:23
8
Sailm Dhaibhidh 31:1
Asadsa, Dhè, nì mise bun; nàir' orm na leig am feasd: Dèan fuasgladh dhomh ad ionracas, o thrioblaid is o cheist.
Explore Sailm Dhaibhidh 31:1
ಮುಖಪುಟ
ಬೈಬಲ್
ಯೋಜನೆಗಳು
ವೀಡಿಯೊಗಳು