Sailm Dhaibhidh 4
4
Salm 4
1O thusa Dhia ud m'ionracais,
èisd rium tràth èigheam riut;
'S tu dh'fhuasgail orm 's mi ann an teinn;
fòir orm, is èisd mo sgread.
2Mo ghlòir cia fhad, a chlann nan daoin',
gu nàire chaochlas sibh,
A' tabhairt gràidh do dhìomhanas,
is leanas breugan ribh?
3Biodh agaibh fios gun d'roghnaich Dia
dha fhèin an duine naomh;
Nuair dh'èigheas mi, bheir e gu beachd
sàr-èisdeachd do mo ghlaodh.
4Biodh eagal oirbh 's na dèanaibh lochd:
labhraibh ri ur cridh' fhèin,
Gu h‑uaigneach air ur leapaichean
bibh tosdach mar an ceudn'.
5Deagh ìobairt thaitneach thugaibh uaibh,
don ionracas a‑ghnàth;
'S ur dòchas cuiribh ann an Dia,
ag earbsa as gach là.
6Nì math cò nochdas dhuinn a‑nis?
tha mòran ac' ag ràdh:
Ach dealradh glan do ghnùise, Dhè,
tog oirnne suas a‑ghnàth.
7'S mò chuir thu dh'aoibhneas ann am chrìdh'
na 'n uair as lìonmhoir' coirc,
No, aca siud, as saoibhre fìon
a' cinneachdainn gun airc.
8An sìth-shàimh laighidh mi faraon,
is caidlidh mi le suain:
Oir 's tusa mhàin bheir dhomh, a Dhè,
fo dhìdean, còmhnaidh bhuan.
ទើបបានជ្រើសរើសហើយ៖
Sailm Dhaibhidh 4: SD1992
គំនូសចំណាំ
ចែករំលែក
ចម្លង
ចង់ឱ្យគំនូសពណ៌ដែលបានរក្សាទុករបស់អ្នក មាននៅលើគ្រប់ឧបករណ៍ទាំងអស់មែនទេ? ចុះឈ្មោះប្រើ ឬចុះឈ្មោះចូល
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.