Sailm Dhaibhidh 6
6
Salm 6
1A Thighearn, ann ad chorraich mhòir
na cronaich mi gu garg;
Na dèan mo smachdachadh gu geur,
an uair a lasas d'fhearg.
2Dèan tròcair orm, a Dhia nan gràs,
oir lag tha mi gun cheist;
Dhia, slànaich mi a‑nis am fheum,
oir tha mo chnàmhan brist'.
3Tha m'anam air a chràdh gu geur:
ach thusa, Dhè, cia fhad?
4Till, fuasgail m'anam; agus fòir
le tròcair orm gu grad.
5Oir ort, a Thighearna, sa bhàs,
cha chuimhnichear gun cheist:
Cò bheir dhut buidheachas san uaigh,
no bheir ort luaidh am feasd?
6Lem osnaich tha mi sgìth; san oidhch'
a' cur mo leap' air snàmh;
Lem dheuran m'uirigh uisgicheam
san àm bu chòir dhomh tàmh.
7Mo shùil a ta air fàilneachadh
fa chùis mo bhròin gach tràth;
Is tha i dol gu aois airson
m'uil' eascairdean a‑ghnàth.
8A luchd na h‑aingidheachd gu lèir,
imichibh uam am fad:
Oir chuala Dia gu tròcaireach
àrd-ghuth mo chaoidh gun stad.
9An athchuinge a chuir mi suas,
chuala Iehòbhah i;
Is gabhaidh e gu toileach uam
an ùrnaigh a nì mi.
10Air m'eascairdean gu robh air fad
nàir' agus cùradh geur:
Is tilleadh iad air ais gu luath
le masladh mòr gu lèir.
Chwazi Kounye ya:
Sailm Dhaibhidh 6: SD1992
Pati Souliye
Pataje
Kopye
Ou vle gen souliye ou yo sere sou tout aparèy ou yo? Enskri oswa konekte
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.