Genesis 9

9
1 Bheannaich Dia Nòah. 8 Dhaingnich e a choicheangal ris fhèin agus ra shliochd, le comharradh a’ bhogha‑fhroise. 20 Thòisich Nòah air a bhith na threabhaiche, agus shuidhich e fìon‐lios. 22 Cionta a mhic Ham. 28 Aois agus bàs Nòah.
1Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu#Gen 9:7, 19, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.
2Agus bidh ur n‑eagal#Salm 8:6; Hos 2:18; Seum 3:7 agus ur fiamhse air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimhse tha iad air an tabhairt.
3Bidh gach nì gluasadach#Deut 12:15; 14:4, etc.; Gnìo 10:12‐14; 1 Tim 4:3, 4, a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhail mar an luibh ghorm#Gen 1:29 thug mì dhuibh na h‑uile nithean#Ròm 14:3.
4Ach feòil#Lebh 17:10‐14; 19:26; Deut 12:23; 1 Sam 14:34 maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh.
5Agus gu deimhinn fuil ur beatha‐se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i#Ecs 21:12, 28, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine.
6Ge bè a dhòirteas fuil duine#Lebh 24:17, le duine dòirtear a fhuil‐san: oir ann an dealbh#Gen 1:27 Dhè rinn e an duine.
7Agus bithibh‐se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.
8Agus labhair Dia ri Nòah, agus ra mhic maille ris, ag ràdh,
9Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse#Gen 9:11, 17; Gen 6:18, agus ri ur sliochd nur dèidh;
10Agus ris gach uile chreutair beò#Gen 8:1; Salm 145:9 a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn.
11Agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh; agus cha sgriosar gach uile fheòil tuilleadh le uisgeachan na dìle; agus cha bhi dìle ann nas mò a sgrios na talmhainn#2 Pead 3:7.
12Agus thubhairt Dia, Seo comharradh#Gen 17:11 a’ choicheangail a tha mi a’ toirt eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealaichean sìorraidh:
13Mo bhogha#Esec 1:28; Tais 4:3; 10:1 cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh.
14Agus tàrlaidh, nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gum faicear am bogha anns an neul:
15Agus cuimhnichidh mi#Lebh 26:42, 45; Deut 7:9; 1 Rìgh 8:23; Neh 9:32; Salm 106:45; Esec 16:60; Lùc 1:72 mo choicheangal, a tha eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò den uile fheòil; agus chan fhàs nas mò na h‑uisgeachan nan dìle a sgrios gach uile fheòla.
16Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh#Gen 17:13, 19; 2 Sam 23:5; Isa 53:3; Ier 32:40; Eabh 13:20 eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh.
17Agus thubhairt Dia ri Nòah, Seo comharradh a’ choicheangail, a dhaingnich mi eadar mi fhèin agus gach uile fheòil a tha air an talamh.
18Agus b’iad mic Nòah a chaidh a‑mach as an àirc, Sem agus Ham agus Iàphet: agus b’e Ham#Gen 10:1, 6 athair Chanàain.
19Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile#Gen 10:32; 1 Each 1:4.
20Agus thòisich Nòah air a bhith na fhear‐saothrachaidh na talmhainn, agus shuidhich e fìonlios#Deut 20:8; 28:30; Gnà 24:30; Daniel 1:6; 1 Cor 9:7:
21Agus dh’òl e den fhìon, agus bha e air mhisg#Gnà 20:1; Lùc 21:34; 1 Cor 10:12; Tìt 2:2: agus bha e lomnochd a‑staigh na bhùth.
22Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd#Hab 2:15 a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh#Tais 3:18; Salm 35:20; 40:15; 70:3; Obad 1:12, 13.
23Agus ghabh Sem agus Iàphet brat, agus chuir iad le chèile air an guaillean e, agus chaidh iad an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar#Ecs 20:12; Gal 6:1; 1 Pead 4:8; agus bha an aghaidhean air an ais, agus chan fhaca iad nochd an athar.
24Agus dhùisg Nòah o a fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b’òige air.
25Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan#Deut 27:16; Ios 9:23, 27; Bri 1:28, 30; 2 Each 8:7, 8; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean.
26Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Tighearna Dia Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha#9:26 no, na sheirbhiseach dhaibh..
27Nì Dia Iàphet farsaing, agus còmhnaichidh e ann am bùthan Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha.
28Agus bha Nòah beò an dèidh na dìle trì cheud agus leth‐cheud bliadhna.
29Agus b’iad uile làithean Nòah naoi ceud agus leth‐cheud bliadhna: agus fhuair e bàs.

वर्तमान में चयनित:

Genesis 9: ABIG

हाइलाइट

शेयर

कॉपी

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in