Genesis 5

5
1 Ginealach, beatha, agus bàs nam prìomh‐aithrichean, o Adhamh gu Nòah. 24 Diadhaidheachd Enoich, agus a ghabhail suas do fhlaitheanas.
1Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e#Gen 1:27; 1 Cor 11:7; 2 Cor 3:18;
2Fireannach#Mal 2:15 agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad.
3Agus bha Adhamh beò ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin#Iob 25:4; Eòin 3:6; 1 Cor 15:39; agus thug e Set mar ainm air:
4Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:
5Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich‐bliadhna‑fichead#Eabh 9:27: agus fhuair e bàs.
6Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos:
7Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
8Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna‑dheug: agus fhuair e bàs.
9Agus bha Enos beò ceithir‐fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Càinan:
10Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
11Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs.
12Agus bha Càinan beò deich bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Mahalalil:
13Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
14Agus b’iad uile làithean Chàinain naoi ceud agus deich bliadhna: agus fhuair e bàs.
15Agus bha Mahalalil beò còig bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Iàred:
16Agus bha Mahalalil beò, an dèidh dha Iàred a ghintinn, ochd ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan:
17Agus b’iad uile làithean Mhahalalil ochd ceud ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs.
18Agus bha Iàred beò ceud agus trì‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch:
19Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
20Agus b’iad uile làithean Iàreid naoi ceud trì‐fichead agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs.
21Agus bha Enoch beò trì‐fichead agus còig bliadhna, agus ghin e Metùselah:
22Agus ghluais Enoch maille ri Dia#Gen 6:9; 17:1; Deut 13:4; 2 Rìgh 20:3; Salm 16:8; Amos 3:3; Mal 2:6, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
23Agus b’iad uile làithean Enoich trì cheud agus trì‐fichead agus còig bliadhna:
24Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e#Eabh 11:6.
25Agus bha Metùselah beò ceud agus ceithir‐fichead agus seachd bliadhna, agus ghin e Làmech:
26Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
27Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì‐fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs.
28Agus bha Làmech beò ceud agus ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac:
29Agus thug e#5:29 is e sin, fois, no, comhfhurtachd. Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna#Gen 3:17; 4:11.
30Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
31Agus b’iad uile làithean Làmeich, seachd ceud agus trì‐fichead agus seachd‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs.
32Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.

वर्तमान में चयनित:

Genesis 5: ABIG

हाइलाइट

शेयर

कॉपी

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in