Genesis 6
6
1Agus nuair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhaibh,
2Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.
3Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.
4Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.
5Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.
6Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.
7Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.
8Ach fhuair Nòah deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna.
9Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.
10Agus ghin Nòah triùir mhac, Sem, Ham, agus Iàphet.
11Agus bha an talamh truaillidh am fianais Dhè, agus lìonadh an talamh le fòirneart.
12Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh.
13Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.
14Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic.
15Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh-choille fad na h‑àirce, lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a h‑àirde.
16Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh-choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i.
17Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.
18Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.
19Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad.
20Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò.
21Agus gabh thusa dhut de gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu ad ionnsaigh e; agus bidh e dhutsa agus dhaibhsan airson beathachaidh.
22Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e.
נבחרו כעת:
Genesis 6: ABG1992
הדגשה
שתף
העתק
רוצים לשמור את ההדגשות שלכם בכל המכשירים שלכם? הירשמו או היכנסו
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017