Genesis 4
4
1 Breith Chàin agus Abeil. 8 Mortadh Abeil. 11 Mallachadh Chàin. 19 Làmech agus a dhà mhnaoi.
1Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna.
2Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.
3Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn#Àir 18:12 tabhartas don Tighearna.
4Agus thug Abel mar an ceudna de chiad‐ghin a threuda#Àir 18:12, agus den saill#Lebh 3:16, 17. Agus bha meas#Eabh 11:4 aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:
5Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.
6Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis?
7Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe#1 Eòin 3:12. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.
8Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e#Iùd 1:11; 1 Eòin 3:12.
9Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, #Salm 9:12Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear‐gleidhidh mo bhràthar?
10Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach#Eabh 12:24; Tais 6:10 riumsa on talamh.
11Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.
12Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear‐fuadain bidh tu air an talamh.
13Agus thubhairt Càin ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi a ghiùlan.
14Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis‐sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear‐fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi#Iob 15:20, 24; Gnà 28:1, gum marbh e mi.
15Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.
16Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna#2 Rìgh 13:23; 24:20, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden.
17Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch.
18Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech.
19Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
20Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh.
21Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ.
22Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal‐càin, fear‐teagaisg gach uile fhir‐ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal‐càin Nàamah.
23Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh#4:23 no, mharbhainn duine ann mo lot, agus òganach ann mo chiùrradh., agus òganach a‑chum mo chiùrraidh.
24Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd‐deug agus a thrì‐fichead uiread.
25Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set#4:25 is e sin, air a shònrachadh; no, air a chur. mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.
26Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna#4:26 no, air iad fhèin ainmeachadh air ainm an Tighearna#Deut 26:17; Salm 116:17; Isa 44:5; Ioel 2:32; 1 Cor 1:2.
Tällä hetkellä valittuna:
Genesis 4: ABIG
Korostus
Jaa
Kopioi
Haluatko, että korostuksesi tallennetaan kaikille laitteillesi? Rekisteröidy tai kirjaudu sisään
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017