Mata 7
7
A' Toirt Breith air Feadhainn Eile
1âNa toiribh breith, airson 's nach tèid breith a thoirt oirbh. 2Oir leis a' bhreith leis an toir sibh breith, thèid breith a thoirt oirbh, agus leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuibh.
3âCarson a tha thu a' faicinn na speilg a tha ann an sĂšil do bhrĂ thar, ach nach eil thu a' mothachadh dhan tâsail a tha nad shĂšil fhèin? 4No ciamar as urrainn dhut a rĂ dh rid bhrĂ thair, âLeig leam an spealg a spĂŹonadh Ă s do shĂšil,â nuair a tha an tâsail na do shĂšil fhèin? 5A chealgair, an toiseach thoir an tâsail Ă s do shĂšil fhèin, agus an uair sin chĂŹ thu gu soilleir airson na speilg a thoirt Ă sĂšil do bhrĂ thar.
6âNa toiribh an rud naomh dha na coin agus na tilgibh ur neamhnaidean mu choinneamh nam muc, gun fhios nach saltair iad orra len casan agus a' tionndadh gun reub iad sibhse Ă s a chèile.
Iarr, Sir, Gnog
7âIarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus lorgaidh sibh; gnogaibh agus thèid fhosgladh dhuibh. 8Oir tha a hâuile neach a tha ag iarraidh a' faighinn, agus tha an neach a tha a' sireadh a' lorg, agus dhan neach a ghnogas thèid fhosgladh.
9âNo cò an duine a tha nur measgâse, ma dh'iarras a mhac aran air, a bheir clach dha? 10No ma dh'iarras e iasg, a bheir nathair dha? 11Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach motha na sin a bheir ur nâAthair a th' air nèamh rudan matha dhaibhsan a dh'iarras air? 12Mar sin, a hâuile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibhâse dhaibhsan cuideachd, oir is e seo an Lagh is na FĂ idhean.
Na Geatachan Cumhang is Farsaing
13âRachaibh aâsteach tron gheata chumhang. Oir is farsaing an geata agus is leathann an tâslighe a tha a' treòrachadh gu sgrios, agus tha mòran ann a tha a' dol aâsteach troimhe. 14Oir is cumhang an geata agus is caol an tâslighe a tha a' treòrachadh gu beatha agus is gann iadsan a tha ga lorg.
Craobh agus a Toradh
15âThoiribh an aire dha na fĂ idhean brèige, a thig thugaibh ann an aodach chaorach ach air an taobh aâstaigh a tha nam madaidheanâallaidh le acras mòr orra. 16Air an toradh aithnichidh sibh iad. 'S cinnteach nach eil dearcanâfĂŹona air an cruinneachadh o dhroigheann, no fĂŹgean o chluarain? 17Mar sin bheir a hâuile craobh mhath aâmach toradh math, ach bheir an droch chraobh aâmach droch thoradh. 18Chan urrainn do chraoibh mhath droch thoradh a thoirt aâmach; cha mhotha as urrainn do dhroch chraoibh toradh math a thoirt aâmach. 19Gach craobh nach toir aâmach toradh math, thèid a gearradh sĂŹos agus thèid a tilgeil dhan teine. 20Mar sin is ann air an toradh a dh'aithnicheas sibh iad.
21âChan e a hâuile neach a chanas riumsa, âA Thighearna, a Thighearnaâ a thèid aâsteach do rĂŹoghachd nèimh, ach an neach a nĂŹ toil m' Atharâsa a th' air nèamh. 22Canaidh mòran rium air an latha sin, âA Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fĂ idheadaireachd nad ainmâsa, agus nad ainmâsa nach do thilg sinn aâmach deamhain agus nad ainmâsa nach do rinn sinn tòrr obraichean cumhachdach?â 23Agus an uair sin canaidh mise gu follaiseach riutha, âCha b' aithne dhomh riamh sibh, thallaibh uam a luchdâdèanamh na hâeucoir.â
An LuchdâTogail Glic is Amaideach
24âMar sin a hâuile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nĂŹ iad, bidh e coltach ri duine glic a thog a thaigh air a' chreig. 25Agus thuit an tâuisge aânuas, agus thĂ inig na tuiltean, agus shèid na gaothan is bhuail iad air an taigh sin, ach cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air a' chreig. 26Agus a hâuile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach dèan iad, bidh e coltach ri duine amaideach a thog a thaigh air a' ghainmhich. 27Agus thuit an tâuisge aânuas, agus thĂ inig na tuiltean, agus shèid na gaothan is bhuail iad air an taigh sin, agus thuit e, agus bha a thuiteam mòr.â 28Agus nuair a chrĂŹochnaich Ăosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasgâsan, 29oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh Ăšghdarras, agus cha b' ann mar na sgrĂŹobhaichean aca fhèin.
Tällä hetkellä valittuna:
Mata 7: ATN
Korostus
Jaa
Kopioi

Haluatko, että korostuksesi tallennetaan kaikille laitteillesi? RekisterÜidy tai kirjaudu sisään
Š Comann BhĂŹoball na hâAlba 2017, 2024
Š Scottish Bible Society 2017, 2024