N. Marc 7

7
VII. CAIB.
Criosta cronachadh nam Phairiseach; a leigheas nighean na bana-Chanaanaich, agus an duine a bha bodhar us balbh.
1Agus thionail na Phairisich ga ionnsuidh, us cuid dhe na Sgriobhaich, a thainig bho Ierusalem.
2Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil a g-ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
3Oir cha n-ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leanail beul-aithris nan seanairean.
4Agus ma thig iad bhoʼn mhargadh, cha n-ith iad gun ionnlad; ʼs tha ioma ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, us phoitean, us shoitheachan pràise, us leabaichean.
5Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe?
6Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Is math a dhʼfhaisnich Isaias muʼr deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgribhte: Tha ʼm pobull so toirt urraim dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
7 Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa, ʼs iad a teasgasg puingean us orduighean dhaoine.
8Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, us chupaichean; agus moran nichean eile de ʼn leithidean sin tha sibh a dianamh.
9Us thuirt e riu: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.
10Oir thuirt Maois: Thoir onair dha tʼathair us dha dʼmhathair; agus: Am fear a mholluicheas ʼathair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.
11Ach tha sibhse g-radh: Ma their duine ri ʼathair no ri mhathair: Corban sam bith (se sin tobhartas) bhuam-sa, thig e gu buannachd dhutsa:
12Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,
13A cur facal De air chul le ur bial-aithris fhein, a thug sibh seachad; agus tha sibh a dianamh ioma ni eile coltach riu sin.
14ʼSa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riu: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.
15Cha n-eil ni a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh: ach ʼsiad na nichean a tha tighinn a mach á duine, a tha truailleadh an duine.
16Ma tha cluasan aig neach air bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
17Agus nuair a chaidh e stigh do ʼn tigh bhoʼn t-sluagh, dhʼfharraid a dheisciopuil dheth an dubhfhacal.
18Us thuirt e riu: Am beil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sa bith a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh:
19A chionn ʼs nach eil e a dol a stigh ʼna chridhe, ach a dol a stigh ʼna bhroinn, us theid e mach do ʼn dùn, a glanadh bhiadhan uile?
20Ach thuirt e, gur iad na nichean, a thig mach as an duine a thruailleas an duine.
21Oir ʼsann bhoʼn taobh stigh á cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,
22Goid, sannt, droch-bheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.
23Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhoʼn taobh stigh, ʼs tha iad a truailleadh an duine.
24ʼSa g-eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; ʼsa dol a stigh do thigh, cha bʼaill leis gum biodh brath aig duine sa bith air, agus cha bʼurrainn e bhith am falach.
25Oir cho luath ʼsa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, uime, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.
26Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.
27Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseach: oir cha n-eil e math aran na cloinne a ghabhail, ʼsa thilgeadh thun nan con.
28Ach fhreagair ise, us thuirt i ris: Tha, a Thighearna, oir ithidh na cuileinean foʼn bhord de chriomagan na cloinne.
29Us thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.
30ʼS nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean ʼna laidhe air an leabaidh, ʼs an deomhan air dol a mach.
31ʼSa triall a rithist á criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.
32Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar us balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.
33Us ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir ʼna chluasan; ʼs le shile bhean e dha theangaidh;
34ʼSa g-amharc suas gu neamh, thug e osnadh, us thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air tʼfhosgladh.
35Agus san uair dhʼ fhosgladh a chluasan, agus dhʼfhuasgladh ceangal a theangaidh, us labhair e ceart.
36Us dhʼàithn e orra gun iad a dhʼinnse do neach air bith. Ach mar is mua dhʼàithn e orra ʼsann is ro-mhua bha iadsa ga innse;
37Agus ʼsann is ro-mhua ghabh iad iongantas, a g-radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.

اکنون انتخاب شده:

N. Marc 7: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید