N. Marc 1
1
I. CHAIB.
Teagasg Eoin Baiste: Criosta air a bhaisteadh leis: Criosta a gairm a dheisciopul, ʼsa dianamh moran mhiarailtean.
1Toiseach soisgeul Iosa Criosta, Mac Dhe.
2Air reir ʼs mar tha e sgribhte san fhaidh Isaias: Seall, cuiridh mi mʼaingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.
3 Guth neach a g-eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh aisridhean direach.
4Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, ʼsa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.
5Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan.
6Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, us crios leathrach mu leasraidh; agus dhʼich e locuist us mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, a g-radh:
7Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh.
8Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.
9Us thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin an Iordan.
10ʼS air ball a direadh as an uisge, chunnaic ʼe neamh fosgailte, ʼs an Spiorad mar chalman a tearnadh ʼsa fantuinn air.
11Agus thainig guth bho neamh: Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.
12Agus ghrad-ghreas an Spiorad e doʼn fhasach.
13Agus bha e san fhasach dà-fhichead latha, agus dà-fhichead oidhche; us bhuaireadh le Satan e; ʼs bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.
14ʼS an deigh do dhʼ Eoin a bhith air a liubhairt seachad, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,
15ʼSa g-radh: Thaʼn t-àm air a choimhlionadh, ʼs tha rioghachd Dhe aig laimh; gabhaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.
16ʼSa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Aindris a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir bʼiasgairean iad),
17Agus thuirt Iosa riu: Thigibh am dheighse, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
18Agus ghrad-dhʼfhag iad na lìn, us lean iad e.
19ʼSa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, ʼs iad a caradh nan lion san t-saghach:
20Agus ghairm e iad san uair. ʼSa fagail an athar Sebede maille ris an luchd-thuarasdail san t-saghach, lean iad e.
21Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha dol a stigh gun dail air na laithean sàbaide doʼn t-sinagog, theagaisg e iad.
22Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich.
23Agus bha san t-sinagog aca duine anns an robh spiorad neoghlan, us dhʼeigh e,
24A g-radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
25Us mhaoith Iosa air, a g-radh: Bi ad thosd, agus gabh mach as an duine.
26ʼS an spiorad neoghlan ga riabadh, ʼsa g-eigheach le guth ard, chaidh e mach as.
27Agus ghabh iad uile iongantas, ionnus gun dʼfharraid iad ʼnam measg fhein, a g-radh: Ciod e so? ciod e an teagasg ùr so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhailt dha.
28Agus sgaoil iomradh air gun dàil feadh duthaich Ghalile uile.
29ʼSa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas us Eoin gu tigh Shimoin us Aindris.
30Agus bha mathair-cheile Shimoin ʼna laidhe ann an teasaich; agus dhʼinnis iad dha gun dàil mu deidhinn.
31Agus thainig e, ʼsa breith air laimh oirre thog e i; us ghrad-dhʼfhag an teasach i, agus fhreasdail i dhaibh.
32ʼS nuair thainig am feasgar, ʼsa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.
33ʼS bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.
34Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gné ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, ʼs cha do leig e leo labhairt, a chionn ʼs gum bʼaithne dhaibh e.
35ʼSa g-eirigh ro-mhuch, ʼsa dol a mach, chaidh e gu aite fàs; us rinn e urnaigh an sin.
36Agus lean Simon e, agus iadsan a bha cuide ris.
37ʼS nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile ga dʼ shireadh.
38Us thuirt e riu: Rachamaid do na bailtean ʼs na caithrichean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: ʼs gur ann h-uige so a thainig mi.
39ʼS bha e teagasg ʼnan sinagogan, ʼs feadh Ghalile uile, ʼsa tilgeadh mach dheomhan.
40Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; ʼsa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
41ʼSa gabhail truais ris, shìn Iosa a lamh, ʼsa beantuinn da, thuirt e ris: Is aill: bi glan.
42ʼS nuair thuirt e so, ghrad-dhʼfhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.
43ʼS thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dàil;
44ʼS thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, fiach thu fhein doʼn ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nichean a dhʼorduich Maois, mar theisteanas dhaibh.
45Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh.
اکنون انتخاب شده:
N. Marc 1: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017