N. Matu 25

25
XXV. CAIB.
Dubhfhacal nan deich oighean, ʼs nan talannan, cunntas air latha bhreitheanais.
1Bithidh rioghachd fhlathanais an sin coltach ri deich oighean, a ghabh an lochrain, ʼsa chaidh a mach an coinneamh fear-na-bainnse us bean-na-bainnse.
2Agus bha coignear dhiu gorach us coignear glic.
3Ach a choignear ghorach a gabhail an lochran, cha tug iad ola leo:
4Ach thug na h-oighean glice ola leo ʼnan soitheachan maille ri ʼn lochrain.
5Ach fear-na-bainnse a dianamh moille, thuit iad uile ʼnan turra-chadal ʼs ʼnan suain.
6Ach mu mhiadhon oidhche chualas glaodh: Seall fear-na-bainnse a tighinn, siubhlaibh ʼna choinneamh.
7An sin dhʼeirich na h-oighean ud uile, us dhʼuidheamaich iad an lochrain.
8Agus thuirt na h-oighean gorach ris an fheadhainn ghlic: Thugaibh dhuinn cuid dheʼr n-ola: oir tha na lochrain againn air dol as.
9Fhreagair na h-oighean glice, a g-radh: Eagal ma dhʼfhaoidte nach bi gu leòr dhuinne agus dhuibhse, ʼs fhearr dhuibh falbh thun nam marsannan, agus ceannach dhuibh fhein.
10Ach nuair a bha iad dol a cheannach, thainig fear-na-bainnse: agus chaidh iadsan a bha deas a stigh comhla ris thun na bainnse, us dhuineadh an dorus.
11Agus mu dheireadh thainig a chuid eile de na h-oighean, a g-radh: A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne.
12Ach a freagairt thuirt esan: Gu deimhinn tha mi radh ribh, cha n-aithne dhomh sibh.
13Leis a sin dianaibh faire, a chionn ʼs nach aithne dhuibh an latha, no ʼn uair.
14Oir ceart mar dhuine a dol gu cein-thir, ghairm e sheirbhisich, agus liubhair e dhaibh a mhaoin,
15Agus do h-aon thug e coig talannan, agus do h-aon eile dhà, agus do h-aon eile a h-aon, do gach aon air reir a chàileachd, us dhʼfhalbh e san uair air a thurus.
16Agus dhʼimich esan a fhuair na coig talannan, us rinn e ceannachd leo, agus choisinn e coig eile.
17Mar an ciadna am fear a fhuair a dhà, choisinn e dhà eile.
18Ach am fear nach dʼfhuair ach a h-aon, dhʼ fhalbh e, agus chladhaich e san talamh, agus dhʼfhalaich e airgiod a thighearna.
19Agus an deigh moran uine, thainig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu.
20Agus thainig am fear a fhuair na coig talannan, us thairg e dha coig talannan eile, a g-radh: A thighearna, thug thu dhomh coig talannan, seall coig eile, a choisinn mi a bharrachd.
21Agus thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna.
22Agus thainig am fear a fhuair an dà thalann, us thuirt e: A thighearna, thug thu dhomh dà thalann, seall dhà eile, a bhuannaich mi.
23Thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna.
24Ach nuair thainig am fear nach dʼfhuair ach aon talann, thuirt e: A thighearna, tha fios agam gur duine cruaidh thu; tha thu buain far nach do chuir thu, ʼsa cruinneachadh far nach do sgap thu:
25ʼSa gabhail eagail, dhʼfhalbh mi, agus dhʼfhalaich mi do thalann san talamh: seall, so agad do chuid fhein.
26Ach thuirt a thighearna ris, ʼs e freagairt: A sheirbhisich eucoraich agus leisg, bha fios agad gum buain mi far nach do chuir mi, ʼs gun cruinnich mi far nach do sgap mi:
27Uime sin bu chòir dhut mo chuid airgid a thoirt doʼn luchd-mhalairt, agus nuair a thiginn, gheobhainn mo chuid fhein le riadh.
28Thugaibh bhuaithe ma ta an talann, us thugaibh e doʼn fhear aig a bheil na deich talannan:
29Oir doʼn h-uile fear, aig a bheil, bheirear, us bithidh lan-phailteas aige; ach bheirear bhuaithe-san, aig nach eil, an ni a shaoilear a bhith aige.
30Agus tilgibh an seirbhiseach gun fheum an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal us giosgan fhiacal.
31Agus nuair a thig Mac an duine ʼna mhoralachd, agus ainglean uile marris, an sin suidhidh e air cathair a ghloire:
32Agus cruinnichear ʼna lathair na cinnich uile, us tearbaidh e bho cheile iad, mar a thearbas buachaille na caoraich bho na gobhair:
33Agus cuiridh e na caoraich air a laimh dheis, ach na gobhair air a laimh chli.
34An sin their an righ riusan, a bhios air a laimh dheis: Thigibhse, a mhuinntir bheannaichte mʼAthar, gabhaibh seilbh air an rioghachd, a chaidh uidheamachadh dhuibh bho steidheachadh an t-saoghail:
35Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; paiteach, agus thug sibh deoch dhomh; na mʼ choigreach, ʼs thug sibh stigh mi;
36Ruisgte, us chomhdaich sibh mi; tinn, agus thainig sibh a shealltuinn orm; bha mi am priosan, agus thainig sibh gam ionnsuidh.
37An sin freagraidh na daoine ionraic e, a g-radh: A thighearna, cuin a chunnaic sinn thu air acras, ʼsa thug sinn biadh dhut; air phathadh, ʼsa thug sinn deoch dhut?
38Agus cuin a chunnaic sinn na dʼ choigreach thu, ʼsa ghabh sinn stigh thu? no ruisgte, ʼsa chuir sinn aodach ort?
39No cuin a chunnaic sinn thu tinn, no am priosan, ʼsa thainig sinn ga tʼ ionnsuidh?
40ʼSa freagairt their an righ riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cho tric ʼsa rinn sibh doʼn aon is lugha dhe mo bhraithrean so, rinn sibh dhomhsa e.
41An sin their e ris an fheadhainn a tha air a laimh chli: Gabhaibh bhuam, a luchd nam mollachd, gu teine siorruidh, a chaidh uidheamachadh doʼn deomhan, ʼs dha ainglean.
42Oir bha mi air acras, ʼs cha tug sibh biadh dhomh; air phathadh, ʼs cha tug sibh deoch dhomh;
43Bha mi am choigreach, ʼs cha tug sibh a stigh mi; ruisgte, ʼs cha do chuir sibh aodach orm; gu tinn ʼs am priosan, ʼs cha tainig sibh a shealltuinn orm.
44An sin freagraidh iadsan e cuideachd, a g-radh: A Thighearna, cuin a chunnaic sinn thu acrach, no paiteach, no ad choigreach, no ruisgte, no tinn, no am priosan, nach do fhritheil sinn dhut?
45An sin freagraidh e iad, a g-radh: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: fhad ʼs nach dʼrinn sibh e doʼn aon is lugha dhiu so, cha dʼrinn sibh dhomhsa e.
46Uime sin theid iad so gu pein shiorruidh: ʼs na daoine ionraic gu beatha shiorruidh.

اکنون انتخاب شده:

N. Matu 25: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید