N. Matu 2

2
II. CAIB.
Tairgsichean nan daoine glice: an turus doʼn Eipheit: murt nan naoidheanan.
1Nuair a rugadh ma ta Iosa ann am Bethlehem Iuda, an lài righ Herod, seall, thainig daoine glice as an aird-an-ear gu Ierusalem,
2A g-radh: Càite a bheil esan a rugadh ʼna righ nan Iudhach? Oir chunnaic sinn a reul san aird-an-ear, agus thainig sinn a thoirt aoraidh dha.
3Agus air do righ Herod so a chluinntinn, bha e fo bhruaillean, agus Ierusalem uile maille ris.
4Agus a cruinneachadh nan ard-shagart uile, agus Sgriobhaichean a phobuill, dhʼfheoraich e dhiu càite an robh Criosta ri bhreith.
5Us thuirt iad ris: Am Bethlehem Iuda: oir mar so chaidh a sgriobhadh leis an fhaidh:
6 Agus thusa Bhethlehem an tir Iuda, cha tu idir is lugha measg priomh-bhailtean luda: oir asadsa thig a mach ceannard, a riaghlas mo phobull Israel.
7An sin Herod a gairm nan daoine glice fos n-iosail, dhʼfhiosraich e dhiu gu dichiollach an t-àm air am fac iad an reul:
8Agus gan cur do Bhethlehem, thuirt e: Rachaibh, ʼs cuiribh forfhais gu dichiollach air an naoidhean, ʼs nuair a gheobh sibh e, thugaibh fios dhomh air ais, los gun teid mi fhein a thoirt aoraidh dha.
9Nuair chual iadsan an righ, dhʼfhalbh iad: agus, seall, chaidh an reul a chunnaic iad san ear rompa, gus an tainig i, ʼs na stad i fos cionn an aite anns an robh an leanabh.
10Agus a faicinn na reil rinn iad aoibhneas le mor thoil-inntinn.
11ʼSa gabhail a stigh doʼn tigh, fhuair iad an naoidhean maille ri Moire a mhathair, agus a tuiteam sios thug iad aoradh dha; ʼsa fosgladh an ionmhais, thairg iad dha tiodhlacan, òr, tùis, agus mirr.
12ʼSa faighinn freagairt ʼnan cadal, gun iad a thilleadh gu Herod, chaidh iad air ais rathad eile doʼn duthaich fhein.
13ʼS an deigh dhaibh falbh, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal, a g-radh: Eirich, ʼs gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus teich doʼn Eipheit; us fan an sin gus an innis mi dhut. Oir tachraidh gun sir Herod an leanabh gus a sgrios.
14Agus a g-eirigh ghabh e an leanabh ʼs a mhathair san oidhche, agus chaidh e lethtaobh doʼn Eipheit:
15Agus bha e an sin gu bàs Heroid: los gun coimhlionteadh an ni a labhair an Tighearna leis an fhaidh, a g-radh: As an Eipheit ghairm mi mo Mhac.
16An sin Herod a faicinn gun deach a mhealladh leis na daoine glice, dhʼeirich fhearg gu mor; ʼsa cur luchd-millidh mharbh e gach leanabh-gille, a bha am Bethlehem agus ʼna criochan gu leir, a bha dà bhliadhnʼ a dhʼaois us fodha, air reir na time a dhʼfheoraich e gu mean dhe na daoine glice.
17An sin choimhlionadh na labhair am faidh Ieremias, a g-radh:
18 Chualas guth ann an Rama, tuireadh us bròn ro-mhor; Rachel a caoidh a cloinne, ʼs cha ghabhadh i furtachd, chionn nach maireann iad.
19Ach nuair dhʼeug Hèrod, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal san Eipheit,
20A g-radh: Eirich, us gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus falbh gu talamh Israil. Oir tha iad marbh a dhʼiarr beatha an leinibh.
21Dhʼeirich e, us ghabh e an leanabh ʼs a mhathair, agus thainig e gu talamh Israil.
22Ach a cluinntinn gun do righich Archelaus ann an Iudéa an aite ʼathar, Herod, bha sgàth air a dhol an sin: ʼs air dha rabhadh fhaighinn ʼna chadal, chaidh e a lethtaobh gu criochan Ghalile:
23Agus thainig e, ʼs ghabh e comhnuidh ann am baile ris an canar Nasareth: chum gun coimhlionteadh na labhradh leis na faidhean: gun canar Nasaréach ris.

اکنون انتخاب شده:

N. Matu 2: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید