N. Matu 19
19
XIX. CAIB.
Criosta fiachuinn nach fhaodar ceangal a phosaidh fhuasgladh; a comhairleachadh dhaoine caillteanaich a dhianamh dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais; ʼs dealachadh ri gach ni air a shonsa; ʼsa fiachuinn cunnart a bheartais, agus na duais air son gach ni fhagail agus esan a leantuinn.
1Agus thachair, nuair a chriochnaich Iosa na briathran sin, gun dʼfhalbh e á Galile, ʼs gun tainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain.
2Us lean moran sluaigh e, agus leighis e an sin iad.
3Us thainig na Phairisich ga ionnsuidh ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: Am beil e laghail do dhuine a bhean a chur bhuaithe air son a h-uile aobhair?
4Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Nach do leugh sibh, esan a chruthaich an duine bho thoiseach, gun dʼrinn e firionn agus boirionn iad? Us thuirt e:
5 Air an aobhar so dealaichidh duine ri athair ʼs ri mhathair, agus leanaidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil.
6Uime sin cha dithis iad tuille, ach aon fheoil. An ni ma ta, a cheangail Dia, na fuasgladh duine.
7Thuirt iad ris: Car-son ma seadh a dhʼorduich Maois litir-dhealachaidh a thoirt seachad, ʼsa cur air falbh?
8Thuirt e riu: ʼSann air son cruas ur cridhe a thug Maois cead duibh ur mnathan a chur air falbh: ach cha robh e mar sin bho thoiseach.
9Agus tha mise g-radh ribh, co sa bith a chuireas bhuaithe a bhean, ach air son striopachais, ʼsa phosas té eile, gu bheil e dianamh adhaltranais; ʼs gum beil am fear, a phosas an té a chuireadh air falbh, a dianamh adhaltranais.#19.9 XIX., 9. ach air son striopachais, &c. Ma bhitheas i ciontach ann an striopachas, se sin ann an adhaltranas faodar a bhean chur air falbh; ach sa chàs sin fhein cha n-fhaod am fear té eile phosadh fhad ʼs is beo ise.
10Thuirt a dheisciopuil ris: Ma se sin cor an duine a thaobh a mhna, cha n-eil e iomchuidh posadh.
11Thuirt e riu: Cha n-eil daoine uile a gabhail an fhacail so, ach iadsan dha ʼn tugadh e.
12Oir tha caillteanaich ann, a rugadh mar sin bho bhroinn am mathar; ʼs tha caillteanaich ann, a rinneadh mar sin le daoine; agus tha caillteanaich ann, a rinn caillteanaich dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais.#19.12 Rann 12. agus tha caillteanaich ann, a rinn caillteanaich dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais. Cha n-ann a reir na litreach a tha seadh an fhacail so ri ghabhail; ach se is seadh dha gum beil feadhainn ann, leis an aill ʼnan deagh thoil mhath agus naomh fhein caithe-beatha geamnaidh a leanail gun phosadh, los Dia sheirbhiseachadh ann an staid nas coimhlion, na ni iadsan a phosas; mar tha N. Pol a fiachuinn gu soilleir, 1 Chor. 7.37, 38. Am fear is urrainn a ghabhail, gabhadh e e.
13An sin thugadh ga ionnsuidh clann bheag gus a lamhan a chur orra ʼs urnaigh a dhianamh. Agus chronaich na deisciopuil iad.
14Ach thuirt Iosa riu: Leigibh leis a chloinn bhig, ʼs na bacaibh iad a thighinn gam ionnsuidhse; oir ʼsann dhaʼn leithidean a bhuineas rioghachd fhlathanais.
15Agus an deigh dha a lamhan a chur orra, dhʼfhalbh e as a sin.
16Agus, seall, thainig fear ga ionnsuidh, us thuirt e ris: A Mhaighistir mhath, ciod am math an ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?
17Tʼhuirt e ris: Car-son tha thu cur ceisd ormsa mu mhath? Tha h-aon math, Dia. Ach ma ʼs aill leat dol a stigh gu beatha, cum na faintean.
18Thuirt esan ris: Co iad? Us thuirt Iosa: Na dian marbhadh: Na dian adhaltranas: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige.
19 Thoir onair dha tʼ Athair ʼs dha dʼmhathair: agus bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
20Thuirt an t-oganach ris: Chum mi iad sin uile bho mʼoige, ciod tuille a tha dhith orm?
21Ars Iosa ris: Ma ʼs aill leat a bhith coimhlionta, falbh, reic na thʼagad, us thoir do na bochdan, agus bithidh iuntas agad am flathanas, us thig, lean mise.
22Ach nuair a chual an t-oganach am facal so, dhʼ fhalbh e gu muladach; oir bha moran sheilbh aige.
23Agus thuirt Iosa ri dheisciopuil: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur h-ann air eiginn a theid duine beartach a stigh do rioghachd fhlathanais.
24ʼSa rithist tha mi g-radh ribh: Gur fhasa do chamhall dol ro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd fhlathanais.
25ʼSa cluinntinn so ghabh na deisciopuil moran iongantais, a g-radh: Co is urrainn ma ta a bhith sabhailte?
26Thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-chomasach do dhaoine, ach tha h-uile ni comasach do Dhia.
27An sin fhreagair Peadar, us thuirt e: Seall, threig sinne a h-uile ni, agus lean sinn thu; ciod ma ta gheobh sinn?
28Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, sibhse a lean mise, gun suidh sibh, anns an ath-bhreith nuair a shuidheas Mac an duine air cathair a mhoralachd, air dà chathair dhiag, a toirt breith air dà threibh dhiag Israil.
29Agus duine sa bith, a dhʼfhag a thigh, no bhraithrean, no pheathraichean, no athair, no mhathair, no bhean, no chlann, no fhearann, air son mʼainmse, gheobh e ciad fillte, agus sealbhaichidh e a bheatha mhairionnach.
30Agus tha moran air thoiseach a bhios air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhios air thoiseach.
اکنون انتخاب شده:
N. Matu 19: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017